B1
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

Bilingual transcription: Clachan Chalanais

Bilingual transcription: The Callanish Stones

Why not take a trip in the company of Calum MacIlleathain?

This time: Clachan Chalanais, the Callanish standing stones.

Chan eil fhiosa’m mu do dheidhinn-sa, ach tha teans gu bheil thu a’ creidsinn ann an rudeigin, that you believe in something ,a’ creidsinn ann an rudeigin. Fiù ’s mura h-eil thu a’ creidsinn ann an dad sam bith, nach e seòrsa de chreideamh a th’ ann an sin fhèin?

Fàilte a dh’Eilean Leòdhais far a bheil mise ‘s mi a’ dèanamh mo shlighe gu seann làrach spioradail, a old spiritual site, seann làrach spioradail.

Maybe you can guess where I’m headed! Làrach cho ainmeil ’sa th’ ann an Alba agus àite a bhios a’ togail ceist nam cheann, which raises a question in my head, a’ togail ceist nam cheann gach turas a thadhaileas mi. Agus chan e a’ cheist as àbhaist dhomha bhith a’ cluinntinn nam cheann oir sin,“Dè a tha thusa a’ dèanamh san loch agamsa?”

Tha mi a’ dol a thadhal air Tursachan Chalanais, the Callanish standing stones, Tursachan Chalanais. Clachan a chaidh a chuir nan seasamh bho chionn còig mìle bliadhna, agus a tha nas sine na Stonehenge ann an Sasainnir an cur a-mach ann an cumadh crois, in the shape of a cross, ann an cumadh crois, thathas a’ tomhas gu robh iad cudromach mar àite-adhraidh, a place of worship, àite-adhraidh airson co-dhiù dà mhìle bliadhna.

Thug Mairi Anna NicDhomhaill bliadhnaichean os cionn Ionad nan Tursachan, the Callanish Visitors Centre, Ionad nan Tursachan, air an dearbh làraich seo. Mary Ann MacDonald spent many years running the Callanish Visitors Centre, agus tha mi làn dhùil ceist no dhà a chur oirre. A question ortwo, ceist no dhà.

Actually, I have so many more than that!

Tha torr air a ràdh um dhèidhinn agus chi thu fhèin gu bheil torr air a sgrìobhadh mu dhèidhinn ach chan eil fhios againn le cinnt càil um dheidhinn. Tha e a’ follaiseach gun robh iad ag àdhradh ann gur ann airson a bha e air a chleachdadh. Tha e mar Celtic Cross ach aig an àm sin, cha robh an creideamh sin air a thighinn an seo ann.

Saoil a bheil cearcalan eile ann am falach an àiteigin anns a‘ mhoine?

Is iongantas ma nach eil. Chi thu fiu’s an àitean eile air an eilean, tha cearcalan beaga ‘s chan eil an t-uabhas dhuibh fhathast air an sealltainn ach tha e follaiseach gun robh iad cudromach do na daoine a bha a‘ fuireach an seo aig an àm.

Ge-bith cò a chuir iad seo an sàs, rinn iad e gun chombaist, gun fòn-làimhe làn teicneòlais, ach gu h-àraid gun digear. Smaoinich. I do think we take the humble compass, the mobile phone and especially the digger for granted these days, don’t you?

Gun dad ach neart bodhaig, bodily strength, neart bodhaig, agus innleachdas inntinn, and inventive minds, innleachdas inntinn.

Chan urrainn dhomh fhìn a thuigsinn. An urrainn dhutsa? Seo an rud: ’stoil leamsa clachan, ’s fìor thoil leamsa clachan.

An cumadh, an cruas, na loidhnichean, their shape, their hardness and their markings, an cumadh, an cruas, na loidhnichean –agus mar a tha iad mun cuairt oirnn a’ samhlachadh linntean fada.

Representing aeons of time in hard sculpted form.

San t-seagh sin,tha gach fear de na tursachan mòra seo iongantach ann fhèin. Absolutely incredible -iongantach. Ach tha iad nan seasamh, tha sinne a’ smaoineachadh, air sgàth creideamh.

Feumaidh mi gabhail air mo shocair is coimhead mun cuairt a-rithist oir, mar is motha a tha mi a’ smaoineachadh air, is ann is lugha de dh’fhaclan a th’ agam. Joy, na gabh dragh, chan ann tric a thachras sin!