B1
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

Bilingual transcription: Creideamh

Bilingual transcription: Belief

MÌCHEAL: (Gàire) Cò bhios a’ cur air falbh cairtean-puist san latha an-diugh?

(Laughs) Who sends postcards nowadays?

RONA: Tha mise a’ smaoineachadh gu bheil e snog cairt fhaighinn tron phost, seach a h-uile rud a bhith air-loidhne.

I think it’s nice to receive a card through the post, instead of everything being online.

SOPHIE: Càit a bheil an eaglais mhòr sin? Tha i gu math leòmach.

Where’s that huge church? It’s quite smart.

RONA: Seo Cathair-eaglais Santiago de Compostela, san Spàinn. Sin an ceann-uidhe a bhios aig na daoine treun a bhios a’ coiseachd Na Slighe gu Santiago -An Camino.

It’s the Cathedral of Santiago de Compostela, in Spain. The destination for the hardy souls who walk the route to Santiago –the Camino.

MÌCHEAL: Tha mi air cluinntinn mu dheidhinn. Bidh buidhnean bho eaglaisean ann an Canada a’ dol ann.

I’ve heard about. Groups from churches in Canada go there.

SOPHIE: Cò bhuaithe a thàinig a’ chairt?

Who’s the card from?

RONA: Thàinigi bho mo charaid Beth. Tha i fhèin agus caraid eile, Hannah, air an Camino a choiseachd.

It’s from my friend Beth. Herself and another friend, Hannah, have walked the Camino.

MÌCHEAL: Nach e daoine cràbhach as motha a bhios a’ dèanamh sin?

Is it not usually religious people who do that?

RONA: Chan fheum creideamh a bhith agad gus a choiseachd. Tha creideamh làidir aig Beth. ’S e Caitligeach a th’ innte agus creididh mise gun do thadhail i air iomadh eaglais gus ùrnaigh a dhèanamh.

You don’t need to be religious to walk. Beth is very religious. She’s a Catholic and I believe she’s visited many churches to pray.

SOPHIE: Dè mu dheidhinn Hannah?

What about Hannah?

RONA: ’S e eas-chreidmheach a th’ innte, ach is toil leatha a bhith a’ falbh air saor-làithean!

She’s a non-believer, but she likes going on holiday!

MÌCHEAL: An robh creideamh na rud làidir anns an teaghlach agadsa Sophie?

Was religion important to your family, Sophie?

SOPHIE: Cha chreid mi gun robh. Cha bhiomaid a’ dol dhan eaglais. Bha mo mhathair gu math spioradail ge-tà.

I don’t think it was. We never went to church. But my mother was quite spiritual.

MÌCHEAL: Tha mi fhìn a’ creidsinn gur e rud uabhasach pearsanta a th’ ann. Faodaidh daoine creidsinn anns an rud a thogras iad.

I believe it’s a very personal thing. People can believe in what they want.

SOPHIE: Tha mise a’ creidsinnn nach fheum thu a bhith ann an coitheanal airson creideamh a bhith agad.

I believe that you don’t have to be part of a congregation in order to have a belief.

RONA: Chan eil mi creidsinn gur e sin a chanadh Etta.

I don’t believe that’s what Etta would say.

MÌCHEAL: Cuiridh mi geall gu bheil Etta a’ creidsinn ann an taibhsean. Tha mi glè chinnteach gum biodh a sinnsirean a’ creidsinn anns na sìthichean agus a’ creidsinn anns na h-eich-uisge.

I bet Etta believes in ghosts. I’m quite certain her ancestors would believe in fairies and in kelpies.

SOPHIE: Tha na stòiridhean sin air feadh na Gàidhealtachd. Creutairean mosach! Tha e coltach gum biodh na sìthichean a’ goid leanabhan, agus bhiodh an t-each-uisge a’ dol ann an riochd gille…..

These stories are all over the Highlands. They were mean creatures. The fairies would steal children, and the kelpie would turn into a boy..

RONA: …airson nighean òg a thàladh dhan uisge. Àidh, tha e coltach!

..to entice a young girl into the water. So they say!

MICHEAL: Bha iad a’ creidsinn gu mòr anns an dà-shealladh, gum biodh cuid de dhaoine a’ faicinn rudan mus tachradh iad.

They very much believed in the second sight. They believed thatsome people saw things before they happened.

SOPHIE: An robh daoine dha-rìribh gan creidsinn?

Did people really believe them?

MÌCHEAL: ’S e deagh chur-seachad a bh’ ann a bhith ag innse sgeulachdan. Mus tàinig an TBh! Agus bhiodh na cleachdaidhean sin gan cumail ann an cuid de sgìrean gu o chionn ghoirid.

Telling stories was a great pastime. Before tv came!And these pastimes were kept in some areas until recently.

RONA: Am bi thusa ceart gu leòr a’ coiseachd dhachaigh leat fhèin a-nochd a Mhicheil?

Micheal, will you be okay to walk home by yourself?