Take two: May I have a word with you?

An dàrna turas: Am faigh mi facal oirbh?

Let's have a look at this conversation again. 

chat avatar

[radio crackle] Dè an coltas a bh' air? Seadh. Agus cò thuirt sin? Glè mhath. Tha e agam.

[radio crackle] What did he look like? Uh–huh. And who said that? Very good. I have him/it.

chat avatar

Feasgar math, oifigeir.

Good evening, officer.

chat avatar

Feasgar math, sir. Am faigh mi facal oirbh?

Good evening, sir. May I have a word with you?

chat avatar

Gheibh, gu dearbh.

You certainly may.

chat avatar

Càite bheil sibh a' dol?

Where are you going?

chat avatar

Tha mi dìreach air mo rathad dhachaigh bho phàrtaidh—an latha mu dheireadh aig m' obair, mar a thachair e.

I'm just on my way home from a party—my last day at work, as it happens [lit. happened].

chat avatar

Fuirich(ibh) mionaid. Nach eil mi gur n–aithneachadh?

Wait a minute. Don't I recognise you?

chat avatar

Cha chreid mi gu bheil. Cha bhi sibhse ag obair air a' Ghàidhealtachd, am bi?

I don't think so [I don't think you do]. You don't work in the Highlands, do you?

chat avatar

Bithidh, bho àm gu àm. Nach robh sibh a' dol chun a' Mhòid am-bliadhna? A' dol aig astar air rathad Mhalaig? Bha triùir sa chàr còmhla ribh, mas math mo chuimhne? Fear a' chinn mhòir, siud am fear a bha a' dràibheadh; tè an fhuilt fhada dhuinn agus tè nan sùilean mòra gorma; agus fear a' bheòil bhig is nan cluasan beaga, sin sibh pèin, sir.

I do, from time to time. Weren't you going to the Mod this year? Speeding [lit. going at speed] on the Mallaig road. There were three in the car with you, as I recall. A man with a big head, that's the one who was driving; the woman with the long brown hair; and the woman with the big blue eyes, and a man with a small mouth and ears, that's yourself, sir.

chat avatar

Agus ... dè mu dheidhinn? Bha cùisean rèidh aig a' cheann thall, nach robh?

And ... what about it? Things were alright in the end, weren't they?

chat avatar

Bha, gu dearbh, sir. Ach, a–nochd, ge–tà, tha sinn an tòir air fear mòr, àrd, tapaidh Albannach air a bheil coltas gruamach, greannach. Aig an àm bha a choltas mì–mhodhail agus bha plìon air.

They were indeed, sir. But tonight, though, we are looking for [in pursuit of] a big, tall, strong (hefty) Scotsman with [on whom there is] a sullen, crabbit appearance. At the time, he had an impertinent (naughty) look and a smirk.

chat avatar

Uill, chan eil mise tapaidh. Tha mi làidir, ceart gu leòr, ach tha mi seang. Agus ged a bha mi aig pàrtaidh aig m' obair, chì sibh gu bheil mi stuama. Chan eil plìon orm agus, feumaidh mi ràdh, chan eil mi gruamach no greannach idir—tha coltas dòigheil, toilichte orm!

Well, I'm not sturdy. I'm strong, right enough, but I'm slender. And although I was at a party at my work, you can see [will see] that I am sober. And I don't have a smirk and, I have to say, I am not sullen or crabbit at all—I have a contented, happy appearance!

chat avatar

Chì mi gur e an fhìrinn a th' agaibh, sir. Duilich a bhith a' cur dragh oirbh. Oidhche mhath leibh.

I (can) see that you're telling the truth, sir. Sorry to bother you. Good night.

chat avatar

Oidhche mhath, oifigeir.

Good night, officer.