I'll get the bus today

Gheibh mi am bus an-diugh

chat avatar

Sin thu, Anna. Tha mi dìreach a' falbh dhan oifis.

There you are, Anne. I'm just leaving for the office.

chat avatar

Ciamar a bhios tu a' faighinn ann an-diugh?

How are you getting there today?

chat avatar

Uill mar a tha fhios agad bidh mi a' dol ann air a' bhaidhsagal, no a' ruith, ma bhios an t-sìde math gu leòr, ach an-diugh? Gheibh mi am bus an-diugh. Tha na trèanaichean dheth.

Well, as you know, I go on the bike, or run if the weather is good enough, but today? I'll get the bus today. The trains are off.

chat avatar

Glè mhath. Cha chùm mi air ais thu, ma-tà.

Very good. I'll not keep you back, then.

chat avatar

Tha sin ceart gu leòr. An do ràinig thu fhèin an sgoil aig an àm cheart an-diugh?

That's OK. Did you get to/reach school yourself at the right time today?

chat avatar

Ràinig. Bha mi a' coiseachd an-diugh. Am beir thu air an trèan a-nochd ma bhios iad air a-rithist?

I did (reach). Will you catch the train tonight if they're back on again?

chat avatar

'S dòcha, ma bhios an t-uisg' ann.

Perhaps, if it's raining.