B1
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

An dàrna turas: Gàidhlig air–loidhne

Take two: Gaelic online?

Let’s have a look at this conversation again.

Cha b’ urrainn dhomh an gnothach a dhèanamh às aonais an telebhisein ghlic agam. I couldn’t manage without my smart television.
Cha b’ urrainn dhomhsa a’ chùis a dhèanamh às aonais an eadar–lìn! Tha sin riatanach dhomh airson iomadh rud a–nis: bancadh, rianachd dhen h–uile seòrsa agus conaltradh le càirdean is luchd–obrach. I couldn’t do without the internet. That’s essential for me for many things now: banking, admin(istration) of every kind and communicating with friends and family.
Am bi thu a’ cur do chuid Gàidhlig gu feum air–loidhne? Do you use your Gaelic online?
Bidh gu dearbh. Tha mi air na meadhanan sòisealta a h–uile latha, a’ bruidhinn rim theaghlach! I do indeed. I am on social media every day, talking to my family!
Bidh mise a’ cleachdadh na Gàidhlig a h–uile latha cuideachd. Bidh mi a’ cur phost–d is theacsaichean agus stàlaich mi brabhsair Gàidhlig air a’ choimpiutair agam. I use Gaelic every day as well. I send emails and texts and I installed a Gaelic browser on my computer.
Cha bhithinn beò às aonais an dearbhair–litreachaidh agam. Tha e a’ sàbhaladh an t–uabhas ùine. Ach saoil a bheil e gam fhàgail leisg? I couldn’t live without my spellchecker. It saves so much time. But does it make me [leave me] lazy?
Tha mi leat! Bidh sin a’ cur dragh orm uaireannan. Ach tha na meadhanan sòisealta a’ cur barrachd uallaich orm. I’m with you! That bothers me sometimes. But social media bothers me more.
A bheil cunntasan nam meadhanan sòisealta agad? Do you have social media accounts?
Tha, ach an–dràsta tha mi a’ feuchainn ris na meadhanan sòisealta a sheachnadh. I do, but for now I’m trying to avoid social media.
Carson? Nach toigh leat na meadhanan sòisealta? Why? Don’t you like social media?
Nam bharail, tha an t–uabhas chunnartan nan lùib: ro–dhèidhealachd, beachdan cunnartach agus a’ bhuaidh air slàinte–inntinn, gu h–àraidh am measg na h–òigridh. In my opinion, there are tremendous dangers in it/them: addiction, dangerous views and the effect on mental health, especially among young people.
A shìorraidh! Bha an t–uabhas agad an sin. Chan eil mise ach a’ bruidhinn rim theaghlach air–loidhne! Goodness! You had an awful lot there. I’m only talking to my family online!
Ceart ma–thà! Carson nach bruidhinn sinn air rudan feumail nach eil cho connspaideach? Very good, then! Why don’t we talk about useful things that aren’t so controversial?
Glè mhath. Cha bhithinn beò às aonais … thrèanaichean, solais–dealain, dealan fiù ‘s! Very good. I couldn’t live without … trains, light, electric light, electricity, even!