B1
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

Abairtean

Phrases

There were a few words and phrases there which you can use when talking about Riatanach is neo-riatanach (Necessary and unnecessary). Let’s look at some of them again in context.

Cha b’ urrainn dhomh an gnothach a dhèanamh às aonais …

I couldn’t manage without …

Cha b’ urrainn dhomhsa a’ chùis a dhèanamh às aonais

I couldn’t do without …

Tha sin riatanach dhomh …

It’s essential for me …

… bancadh, rianachd dhen h–uile seòrsa …

… banking, admin(istration) of every kind …

… conaltradh le càirdean is luchd-obrach.

… communicating with friends and staff.

Am bi thu a’ cur do chuid Gàidhlig gu feum air–loidhne?

Do you use your Gaelic online?

Tha mi air na meadhanan sòisealta a h–uile latha.

I am on social media every day.

Bidh mise a’ cleachdadh na Gàidhlig a h–uile latha cuideachd.

I use Gaelic every day as well.

Bidh mi a’ cur phost–d is theacsaichean agus stàlaich mi brabhsair Gàidhlig air a’ choimpiutair agam.

I send emails and texts and I installed a Gaelic browser on my computer.

Cha bhithinn beò às aonais …

I couldn’t live without …

Tha na meadhanan sòisealta a’ cur barrachd uallaich orm

Social media bothers me more

A bheil cunntasan nam meadhanan sòisealta agad?

Do you have social media accounts?

Tha mi a’ feuchainn ris na meadhanan sòisealta a sheachnadh.

I’m trying to avoid social media.

Nach toigh leat na meadhanan sòisealta?

Don’t you like social media?

Tha an t–uabhas chunnartan nan lùib:

There are tremendous dangers in it/them:

… ro–dhèidhealachd, beachdan cunnartach

… addiction, dangerous views

A’ bhuaidh air slàinte–inntinn

The effect on mental health,

Gu h–àraidh am measg na h–òigridh

Especially among [the] young people

Chan eil mise ach a’ bruidhinn rim theaghlach air–loidhne!

I’m only talking to my family online!

Rudan feumail nach eil cho connspaideach

Useful things that aren’t so controversial

ro–dhèidhealachd (f)

addiction

slàinte–inntinn

mental health

connspaideach (adj)

controversial/confrontational

We’ll catch up with some more of these as well as adding some new words and phrases to our vocabulary as we progress through this lesson.