See Lesson Content

Slàinte is Sunnd

B1
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

An dàrna turas: Feumaidh gun robh e dona! 

Take two: It must have been bad!

Let’s have a look at this conversation again.  

Aig an àm, bha an cràdh a’ dol tromham ach tha mi nas fheàrr an–diugh! At the time, the pain was going through me, but I’m better today!
Feumaidh gun robh e dona! It must have been bad!
Cha robh e cho dona (ri) sin. An robh an cràdh a’ dol tromhad nuair a bha thu air do làmh a ghearradh? It wasn’t that/too bad. Was the pain going through you when you had cut your hand?
Cha robh. ‘S e sin an rud neònach mu dheidhinn pian agus cràdh. No it wasn’t. That’s the odd thing about aches and pains
Ciamar a tha sin? How’s that?
Bidh mo mhac a’ faireachdainn pian agus bidh e a’ gearan gu bheil an cràdh a’ dol troimhe. My son feels pain and he’ll complain that the pain is going through him.
Seadh. Agus dè mu dheidhinn do nighean? Uh–huh. And what about your daughter?
Cha bhi ise a’ faireachdainn a’ chràidh a’ dol troimhpe. Uill, cha bhi i a’ gearan uair sam bith! She doesn’t feel the pain going through her. Well, she doesn’t complain at all [at any time]!
Tha sin inntinneach. That’s interesting.
Tha i cho làidir ri each agus cho fallain ri fiadh! Tha i cho èasgaidh ri fiadh cuideachd! She’s as strong as horse and as fit/healthy as a deer. She’s as energetic/active as a deer as well!
Tha sin math a chluinntinn. Feumaidh gu bheil thu fhèin cho sona ri bròig, ma–thà. That’s good to hear. You must be as happy as a shoe, then.
Och tha, ach tha i cho luath air a casan ‘s gu bheil mise cho sgìth ri seann chù aig deireadh an latha. Chan eil i ach còig, ge–tà! Och I am, but she’s so quick on her feet that I’m as tired as an old dog at the end of the day. She’s only five, though!