We must meet

Feumaidh sinn coinneachadh

Let's have a look at this discussion. By the end of this section, you will be able to have this conversation! It's full of useful phrases that you can adapt to suit a whole range of situations.

chat avatar

Feumaidh sinn coinneachadh! A-muigh! Tha na coinneamhan air-loidhne seo ceart gu leòr ach tha mi airson a dhol a-mach!

We have to meet! Outside! These online meetings are alright but I want to go out!

chat avatar

Tha mi leat!

I'm with you!

chat avatar

Cuin agus càite?

When and where?

chat avatar

Dè mu dheidhinn àite ùr?

What about a new place?

chat avatar

Tha cafaidh ùr faisg air an taigh agam.

There's a new cafe near my house.

chat avatar

Glè mhath. An coinnich sinn an sin ma-tà?

Very good. Will we meet there then?

chat avatar

Coinnichidh!

We will (meet)!

chat avatar

Fuirich mionaid. Saoilidh mi gun deach sinn ann roimhe, nach deach?

Wait a minute. I think we went there before, didn't we?

chat avatar

Cha deach. Choinnich sinn anns an taigh-bìdh sin - air beulaibh a' chafaidh - an-uiridh.

We didn't (go). We met in that restaurant - in front of the cafe - last year.

chat avatar

Ò, tha thu ceart, Iain.

Oh, you're right, John.

chat avatar

A bheil sibh an dùil gum bi iad fosgailte Diluain? Shaoil mi gun robh na cafaidhean dùinte Diluain?

Do you think they will be open on Monday? I thought the cafes were shut on Mondays.

chat avatar

Tha mi 'n dùil gum bi iad fosgailte.

I expect they'll be open.

chat avatar

Cuin a bhios sinn a' coinneachadh?

When will we meet (be meeting)?

chat avatar

Trì uairean feasgar?

Three pm?

chat avatar

Chì sinn ann sibh!

We'll see you (all) there!