See Lesson Content

Nàbaidhean

B1
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

Bilingual transcription: Nàbaidhean

Bilingual transcription: Neighbours

PÀDRAIG: Tapadh leat airson na tì, Rona. Dhìochuimhnich mi gum biodh Etta a’ dol gu còisir a-nochd. Tha mo cheann na bhrochan le obair na colaiste.

Thanks for the tea, Rona. I forgot Etta goes to choir tonight. My head’s in a spin with my college work.

RONA: ’S e do bheatha. Chan eil mi fhìn cinnteach càit a bheil Sophie a-nochd. Càit am bi a’ chòisir seo a’ coinneachadh?

You’re welcome. I’m not sure where Sophie is tonight. She’s quite busy as well. Where does the choir meet?

PÀDRAIG: Bidh iad a’ coinneachadh uair san t-seachdain ann an talla eaglaise. Chan eil e ro fhad’ air falbh.

They meet once a week in a church hall. It’s not too far away from here.

RONA: Chan eil mi buileach eòlach air an sgìre fhathast.

I don’t know this area too well yet.

PÀDRAIG: A bheil thu eòlach air a’ bhùth bheag aig ceann shuas na sràide?

Do you know the wee shop at the far end of the street?

RONA: Is mi a tha! Gu h-àraidh nuair nach bi bainne air fhàgail. Tha an luchd-obrach glè chàirdeil.

I certainly do! Especially when there’s no milk left. The staff are very friendly.

PÀDRAIG: Uill, ma thèid thu sìos an t-sràid chumhang ri taobh a’ bhùtha, mu chòig cheud meatair, chì thu eaglais bheag air do làimh chlì.

Well if you go up the narrow street beside the shop, about five hundred metres, you’ll see a small church on the left hand side.

RONA: An e sin an eaglais dham bi Etta a dol?

Is that the church Etta attends?

PÀDRAIG: Sin i. Uill, tha talla na h-eaglaise air cùl an togalaich fhèin. B’ àbhaist dhan chòisir coinneachadh ann an sgoil air taobh thall na h-aibhne.

That’s it. Well the church hall is behind the actual building. The choir used to meet in the school on the far side of the river.

RONA: Bidh talla na h-eaglaise gu math freagarrach airson Etta.

The church hall will be quite handy for Etta.

PÀDRAIG: Bidh caraid a tha a’ fuireach aig ceann shìos na sràide a’ dol ann còmhla rithe. An do choinnich thu fhèin is Sophie ri na nàbaidhean eile sa chlobhsa?

A friend who lives further down the street goes with her. Have you and Sophie met any of the other neighbours in the close yet?

RONA: Tha sinn dìreach air ‘halò’ a ràdh ri cuid, ach tha mi a’ smaoineachadh gu bheil nàbachd gu math còir anns a’ chlobhsa seo.

We’ve just said hello to some but I think it’s quite a neighbourly building.

PÀDRAIG: Sin na bhios Etta ag ràdh cuideachd.

That’s what Etta says as well.

RONA: Tha càraid òg le bèibidh air gluasad a-steach dhan flat os ar cionn. Chunnaicmi iad sa mhadainn. Bha an dithis aca a’ coimhead gu math sgìth ach bha coltas càirdeil orra, an seòrsa dhaoine a dh’iarradh tu mar nàbaidhean. Chan eil mi a’ smaoineachadh gu bheil am bèibidh a’ cadal gu math. Bidh mi ga chluinntinn a’ caoineadh.

A young couple with a new baby have moved into the flat above us. I saw them in the morning. They were both looking very tired but seemed friendly, the kind of people you’d like as neighbours. I don’t think the baby is sleeping too well. I could hear him crying.

PÀDRAIG: Am bi an rànaich a’ cur dragh ort fhèin agus air Sophie?

Does the crying bother you and Sophie?

RONA: Cha bhi ormsa co-dhiù. Bidh mi a’ cur iad seo na mo chluasan.

It doesn’t bother me anyway. I put these into my ears.

PÀDRAIG: Tha an clobhsa agaibh glan cuideachd.

Your close is clean as well.

RONA: Tha e cho glan. Tha an staidhre ga glanadh aon uair sa chola-deug, tha na binichean gan togail aon uair san t-seachdain agus tha am feur ga ghearradh aon uair sa mhìos. Tha Etta air a bhith cho cuideachail, a’ dèanamh cinnteach gu bheil fios againn air a h-uile càil.

It’s so clean. The stairs get cleaned once a fortnight and the bins get lifted once a week and the grass gets cut once a month. Etta has been so helpful, making sure that we know everything.

PÀDRAIG: Tha i air a dòigh gu bheil na nàbaidhean aice glic agus modhail! Agus deònach a bhith a’ cabadaich ann an Gàidhlig.

She’s happy she has sensible and well-behaved neighbours! And ones happy to chat in Gaelic.