See Lesson Content

Nàbaidhean

B1
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

Bilingual transcription: Buncair niùclasach

Bilingual transcription: Nuclear bunker

Why not take a trip in the company of Calum MacIlleathain?

This time: Nuclear Bunker

Inbhir Nis! Inver Sneckie mar a bhios aig muinntir an àite fhèin air. Baile m’ àraich, the city in which I was brought up, baile m’ àraich agus prìomh bhaile na Gàidhealtachd! The capital of the Highlands, prìomh bhaile na Gàidhealtachd agus mo dhachaigh fhìn airson iomadh bliadhna!

‘S e baile mòr a th’ann ach… baile mòr a tha beag ma tha sibh gam thuigsinn. Bha e air ainmeachadh mar am baile mòr as motha a bha a’ fàs ann an Alba aig toiseach na linn seo. At the beginning of this century, aig toiseach na linn seo.

As cities go it is small, but small things come in nice packages neo rudeigin mar sin co-dhiù!

Nise, tha nàdar nan Gàidheal coltach rium fhìn, socair, dòigheil, glè ainneamh feargach, very rarely angered, glè ainneamh feargach agus mar as trice bidh sinn a’ faighinn air adhart le ar nàbaidhean. We generally get on with our neighbours, a’ faighinn air adhart le ar nàbaidhean.

Ach a bheil sin fìor airson baile mòr Gàidhealach? ’S cinnteach gu bheil! Saoilidh mi gur e an t-adhbhar a tha Inbhir Nis cho dòigheil, ’s e gu bheil tòrr dhaoine an seo a thàinig à coimhearsnachdan dùthchail, who came from rural communities, à coimhearsnachdan dùthchail, far a bheil thu cleachdte ri bhith faisg air do nàbaidh.

Agus ma tha thu a’ fuireach ann an coimhearsnachd bheag, chan eil fhios agad cuin a bhios feum agad air nàbaidh, when you’ll need a neighbour, cuin a bhios feum agad air nàbaidh.

Ach – there’s always an “ach” isn’t there! Tha togalach air falach an seo a tha calg-dhìreach an aghaidh – very much against or a building which kind of flies in the face of being neighbourly – calg-dhìreach an aghaidh sin. Togalach a tha dìomhair, secret, dìomhair agus a’ riochdachadh linn nuair nach robh cuid a nàbaidhean idir rèidh, harmonious, rèidh.

Seo e! Um. An e Latha na Gocaireachd a th’ ann? April Fool’s Day –Latha na Gocaireachd. Bheil sibh a’ tarraing asam? Pulling my leg, a’ tarraing asam. They’re always having a joke at my expense.

Chan eil càil an seo ach cnoc is heileacoptair. Inntinneach ach neònach. A mound and a helicopter. Hmm.. Ah! Faighnichidh mi dhan fhear sin!

Gabh mo leisgeul! Oh,a Mhìcheil a nàbaidh, ’s tu fhèin a th’ann! Dè do chor?

Cor math, taing.

Cuimhnich mar a thuirt mi gur e baile mòr… beag a th’ ann an Inbhir Nis. Uill ’s e caraid teaghlaich, a family friend, caraid teaghlaich, a th’ann am Mìcheal. Agus ’s ann le athair a tha an t-àite iongantach seo. So, full disclosure, this amazing place belongs to a family friend, Mìcheal’s Dad, Iain.

Uill a Mhìcheil, innse dhomh tuilleadh mun àite a tha seo.

Chaidh an togalach seo a thogail ann an naoi ceud deug trichead sa naoi. Bha e air a chleachdadh tron dàrna cogadh far an robh an àite e air dhìon bho ionnsaigh nucleach, bì-eòlach agus ceimeagach.

Cia mheud neach a bhiodh ag obair agus a‘ fuireach san togalach aig an aon àm?

Anns an togalach bhiodh ceathrad neach. Bhiodh fichead ag obair agus bhiodh fichead a’ cadal.

Ciamar a chaidh an seòmar seo a chleachadh?

Seo an seòmar blàr agus bhiodh na boireannaich a’ toirt fiosrachaidh bho air feadh Alba agus Sasainn agus bhiodh sin an uairsin air a thoirt do bhuncairean eile airson a chleachdadh.

Ciamar a thàinig am buncair dhan teaghlach agadsa?

Ann an dà mhile sa naoi deug, cheannaich m‘ athair e bhon chomhairle.

Cho sìmplidh ri sin?

Cho sìmplidh ri sin.

Wow, iongantach.

Tha an teaghlach an dùil fhosgladh mar thaigh-tasgaidh ach faodaidh daoine tadhal air, air làithean sònraichte an-dràsta ’s a-rithist airson sùil a thoirt timcheall.

Ach eil fhios agad…a bunker isn’t meant to be easy to get into! Except golfing bunkers which I find very easy to get into ach fàgaidh sinn sin gu latha eile! Inbhir Nis… Abair àite. Maybe there is a darker side to this city…but the people here are so friendly and neighbourly and remember: “Is ann an àm a’ chruadail a dh’aithnichear na càirdean.”

Ach tha e math a bhith air ais! And slip into the local dialect.

How’s it goin’?

No’ bad, yersel’?

Ach yer seein’ it, thanks for askin’!

Right enough! Aidh, cha dèan sinn a’chùis às aonais nàbaidhean.

Joy, cùm thusa ort a nàbaidh.