B1
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

'S e na dh'fhuiling mi de thàmailt, a thug mo bhàrdachd beò

It's the disgrace I suffered that gave rise to my poetry

Màiri Mhòr nan Òran (Great Mary of the Songs) is one of the most well–known poets in the world of Gaelic and her songs are still very popular to this day.

Why don’t you have a go at this task!

Read this excerpt twice, and then answer the questions.

You’ll find some of the new vocabulary below.

Rugadh Màiri NicDhòmhnaill ann an 1821 agus chaidh a togail ann an Sgèabost [Sgeitheabost] san Eilean Sgitheanach.

B’ e croitear a bha na h–athair, Iain Bàn mac Aonghais Òig.

Ann an 1845, dh’imrich Màiri a dh’Inbhir Nis.

Trì bliadhna an dèidh sin, phòs i Ìosag Mac a’ Phearsain, greusaiche à Inbhir Nis, agus rinn iad an dachaigh sa bhaile.

Ach bhàsaich Ìosag ann an 1871, ga fàgail le sianar chloinne.

Bha an fheadhainn a b’ òige 12 agus 15 bliadhna a dh’aois.

An dèidh bàs Ìosaig, fhuair i obair mar bhanaltram aig a’ BhPh Harriet Turner.

An dèidh bàs a’ BhPh Turner, chaidh casaid a chur air Màiri gun robh i air cuid de a h–aodach a ghoid.

Chaidh a dìteadh sa chùirt agus a cur don phrìosan fad dà fhichead latha.

Tha cuid den bheachd gur e searbhant eile a chuir aodach a’ BhPh Turner ann an ciste Màiri, agus bha Màiri fhèin deimhinnte gun robh i neoichiontach – bha sin follaiseach ann an grunnan de na h–òrain a rinn i.

Mar a thuirt i fhèin:

‘S e na dh’fhuiling mi de thàmailt, a thug mo bhàrdachd beò’

An dèidh dhith faighinn a–mach às a’ phrìosan, chaidh Màiri a Ghlaschu a shireadh obair mar bhanaltram.

Fhuair i cuideachd trèanadh mar bhean–glùine ann an Taigh–eiridinn Rìoghail a’ bhaile.

Tha e coltach gun do dh’ionnsaich Màiri leughadh is sgrìobhadh aig an àm seo, oir chan eil teisteanas gum b’ urrainn dhi seo a dhèanamh ro 1872.

Ann an 1876, ghluais i gu Grianaig far an robh i na banaltram, ach bhiodh i tric a’ tilleadh a Ghlaschu gu cèilidhean mòra nan Sgitheanach.

Thill i dhachaigh dhan Eilean Sgitheanach ann an 1882, ‘s bha i a’ fuireach eadar Sgèabost [Sgeitheabost] agus Port Rìgh.

Rè nan 1880an, bha i gu mòr an sàs ann an Strì an Fhearainn.

Bhiodh i tric an làthair aig coinneamhan nan croitearan, ‘s i ag obair air bàrdachd a bha a’ toirt spionnadh dha luchd–dùthcha.

Bha a h–òrain air leth cudromach ann a bhith a’ sgaoileadh fiosrachadh do mhuinntir na Gàidhealtachd mun iomairt air sgàth ‘s nach robh mòran  dhiubh comasach air leughadh aig an àm.

Chaochail i ann an 1898 ann am Port Rìgh an dèidh tinneas goirid agus chaidh a tìodhlacadh ri taobh Ìosag ann an Cladh Leas a’ Chaibeil, an Inbhir Nis.

Chaidh cruinneachadh de a cuid òran fhoillseachadh ann an 1891.

dìt (v)

condemn, convict

dìteadh (vn)

condemning, convicting

cùirt (f)

court

prìosan (m)

prison, jail

bean–ghlùine (f)

midwife

taigh–eiridinn (m)

infirmary

teisteanas (m)

testimony, evidence, certificate

Strì an Fhearainn

Land League Agitation

an làthair

present, in attendance