Why not take a trip in the company of Calum MacIlleathain?
Bàlla. Cuiridh bàlla daoine agus beathaichean gu dol ’s iad a’ ruith às a dhèidh / air a thòir.
Nise, mura h-eil eacarsaich a’ tighinn ri do chàil – if it doesn’t agree with you – a’ tighinn ri do chàil, dh’fhaodadh gun canadh tu nach robh mòran feum ann am bàlla. Ach chan eil sin fìor airson an fheadhainn a bhios a’ cluich agus a’ strì ris an fhear seo.
Am bàlla iomain. Tha iomain, no camanachd, stèidhte gu domhainn ann an cultar nan Gàidheal. Geama luath do dhaoine foghainteach – ged nach robh mise cho foghainteach ri sin nuair a dh’fheuch mi ri iomain a chluich sa bhun-sgoil.
‘S an robh fios agad cuideachd gu bheil am facal iomain a’ ciallachadh a bhith a’ stiùireadh. Nise, airson iomain a chluiche, shaoileadh tu gum bithinn ann an sgìre Ghàidhealach: Bàideanach ’s dòcha, Earra-Ghàidheal neo fiù ’s Loch Abar.
Ach bu chòir do chiall innse dhut, your sense should tell you – bu chòir do chiall innse dhut nach eil mise tric far am biodh dùil rium.
Le deagh shlaic – with a good whack – le deagh shlaic, bhuailinn bàlla, bho far a bheil mi an seo ann am Baile Udain cho fada ri Abhainn Chluaidh. Eucoltach ri buidhnean eile, thòisich sgioba iomain nam ban a’ cluiche an seo mus do thòisich sgioba nam fear – ann an 2019 (Dà mhìle ’s a naoi-deug).
Agus fhad ’s a tha mi mise gu bhith còmhla riutha airson seisean trèanaidh, ‘s i Alison Nic a’ Phiocair a bhios a’ cumail ceann a’ mhaide rium – literally holding a stick to, keeping me in check – a’ cumail ceann a’ mhaide rium.
Alison, dè tha cho sònraichte mu iomain dhutsa?
Inns dhomh mu sgioba nam ban aig Baile Udain.
Dè an trèanadh a tha sinn gu bhith a’ dèanamh an-diugh?
Thoir sùil air a’ chaman seo. Nach grinn an obair a chaidh ann a bhith ga dhealbh ‘s ga chruthachadh. Tha iomadh pìos fiodh lùbte is lannaichte – bent and laminated – lùbte is lannaichte air a dhol an sàs ann. Abair obair sgileil.
Ach an dùil am bi e sgileil nam làmhan-sa?
Chan eil e soirbh dhomhsa slighe a’ bhàlla a leantainn agus a thomhas, chan eil fhios a’m ciamar a tha am fear-camara ga dhèanamh. ‘S cinnteach gum faigh mi cothrom air aon bhuille cheart? Bha siud na b’fheàrr!
Saoilidh mi gun do rinn mi adhartas bho bha mi sa bhun-sgoil co-dhiù. Ged nach eil fhios dè cho fada ‘s a dh’fheumainn a bhith a’ trèanadh gus geama slàn a chluiche cuide ri na bana-ghaisgich seo. Ach nan deidheadh faighneachd dhomh … Cha b’ e ruith ach leum!
Dh’fhaodainn fhìn agus tu fhèin feuchainn air Joy – dè mu dheidhinn?