Take two: What did John's father say?

An dàrna turas: Dè thuirt athair Iain?

Look at the conversation again

chat avatar

Dè thuirt do phiuthar ri d’ athair?

What did your sister say to your dad?

chat avatar

Nach tuirt mo mhàthair ribh? Bha mise a’ smaoineachadh gun d’ fhuair sibhse an naidheachd againn.

Didn’t my mother say? I thought you received our news.

chat avatar

Ist! Cha d’ fhuair. Cha tuirt Mairead càil rium.

Shoosh! I didn’t. Margaret didn’t say anything to me.

chat avatar

Fhuair mi dà phìos naidheachd.

I received two pieces of news.

chat avatar

Seadh?

Aye?

chat avatar

Thuirt mo phiuthar ri m’ athair gun robh mo phiuthar eile trom.

My sister said to my father that my other sister was pregnant.

chat avatar

Awww, tha sin àlainn. Bha mi a’ smaoineachadh gun robh do mhàthair glè thoilichte.

Awww, that’s lovely. I thought your mother was very happy.

chat avatar

Ach thuirt i rudeigin eile ri m’ athair.

But she said something else to my father.

chat avatar

Uill, dè thuirt i? Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil thu a’ gabhail brath orm a-rithist.

Well, what did she say? I think you are taking advantage of me again.

chat avatar

An tuirt mi ribh gu bheil i a’ fuireach ann an Dùn Bheagain anns an Eilean Sgitheanach?

Did I say to you that she lives in Dunvegan in the Isle of Skye?

chat avatar

Cha tuirt. Ach dè thuirt i? Cuin a bhios pàiste aig do phiuthar eile?

No. But what did she say? When will your other sister have her baby?

chat avatar

Anns an t-Samhain, tha mi a’ smaoineachadh?

In September, I think?

chat avatar

Awww, tha mise a’ smaoineachadh gu bheil sin mìorbhaileach. An e gille no nighean a bhios ann?

Awww, I think that’s marvellous. Is it going to be a boy or a girl?

chat avatar

Cha tuirt m’ athair sin. Bha e a’ bruidhinn ri mo phiuthar agus thuirt ise gun robh eucoir ann an Dùn Bheagain.

My father didn’t say that. He was talking to my sister and she said there was a crime in Dunvegan.

chat avatar

Dè? An tuirt e tuilleadh?

What? Did he say more?

chat avatar

Thuirt.

He did.

chat avatar

Uill, a bhalaich, dè thuirt e?

Well, boy, what did he say?

chat avatar

Tha am pathadh orm, tha mi a’ smaoineachadh gu bheil ceapaire agam. An toil leibh tì?

I am thirsty, I think I have a sandwich. Do you like tea?