Where does Anna write every day?

Càit am bi Anna a’ sgrìobhadh a h-uile latha?

Let’s have a look at this conversation. By the end of this short section, you will be able to have this conversation! 

chat avatar

Thuirt sibh gum bi sibh a’ sgrìobhadh a h-uile latha. Càit am bi sibh a’ sgrìobhadh?

You said you write every day. Where do you write?

chat avatar

Bidh mi a’ sgrìobhadh ann am bothan anns a’ ghàrradh.

I write in a shed in the garden.

chat avatar

Dè eile bhios sibh fhèin a’ dèanamh gach latha?

What else do you do every day?

chat avatar

Bidh mi ag èirigh, ag ithe, a’ siubhal, ag obair agus a’ cadal.

I get up, eat, travel, work and sleep.

chat avatar

Nach Istibh sibh!

Won’t you be quiet!

chat avatar

Tha mi duilich, Iain.

I'm sorry, John.

chat avatar

Am bi sibh a’ gabhail bracaist a h-uile latha?

Do you have breakfast every day?

chat avatar

Bidh!

Yes!

chat avatar

Cuin a bhios sibh a’ gabhail bracaist?

When do you have breakfast?

chat avatar

Bidh mi a’ gabhail bracaist aig seachd uairean ach cha toil leam a bhith ag ithe cho tràth ri sin.

I have breakfast at seven o'clock but I don't like to eat as early as that.

chat avatar

Cuin as toil leibh a bhith a’ gabhail bracaist?

When do you like to have breakfast?

chat avatar

Is toil leam a bhith a’ gabhail bracaist aig deich uairean sa mhadainn.

I like to have breakfast at ten in the morning.

chat avatar

Càit am bi sibh a’ gabhail bracaist?

Where do you have breakfast?

chat avatar

Bidh mi a’ gabhail bracaist ann am bothan anns a’ ghàrradh.

I have breakfast in a shed in the garden.

chat avatar

Cuin a bhios sibh a’ siubhal dhan obair?

When do you travel to work?

chat avatar

Bidh mi a’ siubhal dhan obair aig ochd uairean sa mhadainn.

I travel to work at eight in the morning.

chat avatar

Ciamar a bhios sibh a’ siubhal dhan obair?

How do you travel to work?

chat avatar

Bidh mi a’ dràibheadh dhan sgoil.

I drive to school.

chat avatar

Am bi sibh a’ gabhail lòn gach latha?

Do you have lunch every day?

chat avatar

Cha bhi. Bidh mi ag ithe lòn aig an sgoil ach bidh mise a’ gabhail bracaist mhòr aig an taigh agus cha bhi mi ag ithe lòn.

No, I don’t. I eat lunch at the school but I have a big breakfast at home and I don't eat lunch.