I converted to Christianity

Chaidh m' iompachadh don Chreideamh Chrìosdaidh

Let's have a look at this discussion. By the end of this section, you will have learned some valuable phrases that you can use in lots of different conversations.

chat avatar

Nuair a chaidh d’ iompachadh don Chreideamh Chrìosdaidh, dè rinn thu?

When you converted (were converted) to Christianity [the Christian faith], what did you do?

chat avatar

Chaidh m' iompachadh don Chreideamh Chrìosdaidh an dèidh grunn bhliadhnaichean, tòrr rannsachaidh agus iomadach còmhradh.

I converted (was converted) to Christianity [the Christian faith] after many years, loads of research and many conversations.

chat avatar

Creididh mi sin!

I'll believe that!

chat avatar

Tha e do–chreidsinneach mar a tha mo bheatha air atharrachadh. Am bi thusa a' dol don eaglais gu tric na làithean seo, Iain?

It's unbelievable how my life has changed. Do you go to church often these days, John?

chat avatar

Ma bhios mi aig an taigh agus mas e Didòmhnaich a th' ann, bidh mo mhàthair gam threòrachadh chun na h–eaglaise!

If I'm at home and it's Sunday, my mother will guide me to the church!

chat avatar

Tha mi làn–chreidsinn! Ach an creid thu seo?

I fully believe it! But can you believe this?

chat avatar

Dè a chreideas mi?

What can I believe?

chat avatar

'S e rud do–chreidsinneach a th' ann!

It's an unbelievable thing!

chat avatar

Siuthad! Greas ort, a Mhàiri!

Go on! Hurry up, Màiri!

chat avatar

Chuala mi gum bi an coitheanal ag ath–leasachadh seann eaglais na paraiste anns a' Chlachan.

I heard that the congregation are going to develop the old parish church at Clachan.

chat avatar

Ach cha ghabh sin dèanamh, an gabh?

But that can't be done, can it?

chat avatar

Tha òigridh am pailteas aca agus spionnadh gu leòr annta.

They have plenty of young people and plenty of energy.

chat avatar

Chan e rud furasta no luath a bhios ann.

It won't be easy or quick.

chat avatar

Treòraichidh Dia iad.

God will guide them.