The house is a mess!

Tha an taigh na bhùrach!

Let's return to our conversation.

chat avatar

Dè an togalach a tha sin aig ceann a' ghàrraidh?

What's that building at the end of the garden?

chat avatar

'S e sin Am Bothan - uill - an t-seada agam. Sin far am bi mi a' sgrìobhadh.

That's The Bothy - well - my shed. That's where I write.

chat avatar

Nuair a bha mise beag, sin far an robh mo sheanair a' cumail an lomaire aige. Bha am feur a' fàs gu math luath as t-samhradh.

When I was wee, that's where my grampa would keep his mower. The grass grew very quickly in the summer!

chat avatar

Uill, bidh mi a' cumail an lomaire agus na h-innealan eile san t-seann bhàthach aig ceann eile a' ghàrraidh.

Well, I keep my mower and the other tools in the old byre at the other end of the garden.

chat avatar

Tha mi ga faicinn. Ò seall! Tha an t-uisge ann.

I see it. Oh, look! It's raining.

chat avatar

Tha gu dearbh! Thugainn! Fhionnlaigh, tha sinn a' dol a-steach a-rithist!

It is indeed. Come on! Finlay, we're going inside again!

chat avatar

Dìreach a' tighinn! Chuir mi an càr a-steach dhan gharaids.

Just coming! I put the car into the garage.

chat avatar

Tha an taigh na bhùrach! Tha a h-uile seòmar cho mì-sgiobalta. Mar as trice, bidh mi a' sgioblachadh an taighe a h-uile seachdain. Na seòmraichean-cadail, a h-uile Diciadain. Agus na h-uinneagan agus na taighean-beaga - bidh mi gan glanadh gach Disathairne, ach 's e Dihaoine a th' ann an-diugh!

The house is a mess! Every room is so untidy. I usually tidy the house every week. The bedrooms every Wednesday … and the windows and the toilets – I usually clean them every Saturday, but it's Friday today!

chat avatar

Na gabh dragh!

Don't worry!

chat avatar

Thèid sinn a-steach don t-seòmar-suidhe. Tha sin sgiobalta agus chan eil an t-ùrlar ro shalach.

We'll go into the sitting room. That's tidy and the floor isn't too dirty.

chat avatar

Tha seo fada nas fheàrr. Tha an taigh agad cho sàmhach agus cho ciùin, air falbh bhon uisge.

This is much better. Your house is so quiet and so calm, away from the rain.

chat avatar

Tha an seòmar-suidhe agad grinn! 'S toil leam an t-sòfa bhuidhe ... agus na cuiseanan buidhe agad!

Your sitting room is pretty (elegant). I like your yellow sofa ... and your yellow cushions!

chat avatar

Tapadh leat! Oh! Seall! Tha i a' dòrtadh a-nis! Bidh an nigheadaireachd agam fliuch ... agus salach!

Thanks! Oh look! It's pouring now! My washing will be wet and ... dirty!