What's wrong with you?

Dè tha ceàrr ort?

Let's have a look at this discussion. By the end of this section, you will have learned some valuable phrases that you can use in lots of different conversations. 

chat avatar

A Mhàiri, dè tha ceàrr ort?

Màiri, what's wrong with you?

chat avatar

Och, chan eil mi gu math. 'S e mo cheann ...

Och, I'm not well. It's my head ...

chat avatar

A bheil do cheann goirt?

Is your head sore?

chat avatar

Tha ceann goirt orm, tha cràdh uabhasach nam chluasan agus tha mo ghlùin goirt cuideachd.

I have a sore head, a terrible pain in my ears and I have a sore knee as well.

chat avatar

Ciamar a thachair sin? Ceann goirt, cluasan goirte agus glùin ghoirt?

How did that happen? A sore head, sore ears and a sore knee?

chat avatar

Uill bha tubaist agam leis an tè àrd seo, nuair a bha mi a' cluich iomain. Bha mi air tòiseachadh a–rithist, an dèidh a bhith a' bruidhinn ri Iain, 's e cho fallain!

Well, I had an accident with this tall woman, when I was playing shinty. I had started again, after talking to John, him being so fit.

chat avatar

Seadh. Dè thachair ma–thà?

Uh–huh. What happened then?

chat avatar

Bha gàirdeanan làidir, làmhan mòra is casan fada oirre. Agus mar a tha fhios agad, chan eil orm ach casan goirid, làmhan beaga agus ... aodann brèagha!

She had strong arms, big hands and long legs. And as you know, I only have short legs, small hands and ... a pretty face!

chat avatar

Seadh.

Uh–huh.

chat avatar

Co–dhiù no co–dheth, chunnaic mi na làmhan mòra seo air a' chaman, agus an ath rud, chuala mi brag agus ...

Anyway, I saw these big hands on the caman, and the next thing, I heard a crack and ...

chat avatar

Mo chreach, dè thachair an uair sin?

My goodness, what happened then?

chat avatar

... agus an ath rud, dhùisg mi, agus bha mi san ospadal!

... and the next thing, I woke up, and I was in the hospital!

chat avatar

San ospadal? Cha robh fhios agam. Carson nach do dh'innis thu dhomh?!

In the hospital? I didn't know. Why didn't you tell me?