If you cast your mind back to Cuspair 13, we mentioned the website Tobar an Dualchais where you will find recordings and information on many different things. In this part of the lesson, you will hear a conversation about neighbours in Lewis. You will find this recording here.
Firstly, listen to the recording twice and answer questions 1–5.
Don’t worry if this seems difficult at first. ‘S e an cleachdadh a nì teòma—practice makes perfect!
And remember that you can change the speed in the settings.
Plasterfield.
Litir.
Calum MacRisnidh.
Airson a bhith na dheagh nàbaidh.
Tobar an Dualchais, no air an rèidio.
Now, listen again to the beginning of the recording—just the first minute—and finish the sentences with gaps in them.
CAIRISTÌONA: Uill, tha mise an–dràsta … tha mi dìreach shuas air _____ Steòrnabhaigh ann an àite ris an canar Plasterfield agus _____ an sin, tha Criosaidh NicRath à Plasterfield. A Chriosaidh, tha sinn eòlach gu leòr air bhith _____ air an rèidio, ach, tha sibhse air litir a chur thugainn agus tha sibh ag ainmeachadh fear a tha sibhse a’ smaoineachadh a tha airidh air ainmeachadh airson a bhith _____ mhath. Sin am fear Calum MacRisnidh. A Chriosaidh, dè thug ort ainmeachadh?
CRIOSAIDH: Uill bha sinn a’ smaoineachadh ma bha sinn ag iarraidh _____ gur e an aon fhear a thaghadh sinn às an àite, bhon tha e math _____ na nàbaidhean timcheall ’s tha e _____ airson faighneachd duine sam bith a bhios tinn ’s tha e na dhuine toilichte is tha sinn _____ a’ dèanamh a h–uile càil as urrainn dha dhèanamh airson _____ a th’ aige.
Here are the words and phrases you need:
cùl Baile | dhen bheachd gu bheil e | gad chluinntinn |
cuideachadh na nàbaidhean | còmhla rium | math |
dha | na nàbaidh | nàbaidh math |
And here are the answers!
CAIRISTÌONA: Uill, tha mise an–dràsta … tha mi dìreach shuas air cùl Baile Steòrnabhaigh ann an àite ris an canar Plasterfield agus còmhla rium an sin, tha Criosaidh NicRath à Plasterfield. A Chriosaidh, tha sinn eòlach gu leòr air bhith gad chluinntinn air an rèidio, ach, tha sibhse air litir a chur thugainn agus tha sibh ag ainmeachadh fear a tha sibhse a’ smaoineachadh a tha airidh air ainmeachadh airson a bhith na nàbaidh mhath. Sin am fear Calum MacRisnidh. A Chriosaidh, dè thug ort ainmeachadh?
CRIOSAIDH: Uill bha sinn a’ smaoineachadh ma bha sinn ag iarraidh nàbaidh math gur e an aon fhear a thaghadh sinn às an àite, bhon tha e math dha na nàbaidhean timcheall ’s tha e math airson faighneachd duine sam bith a bhios tinn ’s tha e na dhuine toilichte is tha sinn dhen bheachd gu bheil e a’ dèanamh a h–uile càil as urrainn dha dhèanamh airson cuideachadh na nàbaidhean a th’ aige.