See Lesson Content

So-sheasmhachd

Cuidich sinn le làrach-lìn SpeakGaelic | Help us with the SpeakGaelic website

B1
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

Bilingual transcription: The Shieling Project

Bilingual transcription: The Shieling Project

Why not take a trip in the company of Calum MacIlleathain?

Sin sibh! Cùmaibh suas rium!

An-diugh tha mi a’ faighinn blasad de na saor-làithean a bhiodh aig daoine o chionn linntean. There’s no need for suitcases, plane tickets, or even these.

Tha mi air mo shlighe gu àirigh – a shieling. O shean, air feadh na Roinn Eòrpa, as t-samhradh, bhiodh sprèidh air an toirt air falbh bho bhailtean is achaidhean fo bhàrr – fields in crop – gu: àite-ionaltraidh – a grazing area. Bhiodh na banchagan – the female cowherds, or dairymaids – a’ cur seachdainean seachad a’ coimhead às dèidh nam beathaichean mus tilleadh iad dhachaigh leotha.

Ach, chanainn gun robh iad fhèin a’ faighinn beagan toileachais agus R&R às, feumaidh gun robh! R&R, seadh… ruith agus riagail, ‘s dòcha. Seo mo cheann-uidhe-sa ma-thà.

Quite a distance from town here. Let’s go and find the boss. Saoil am faigh mi greim-bìdh? Tha pròiseact a’ ruith san oisean bheag seo den Ghàidhealtachd a tha a’ feuchainn ri ceangal a dhèanamh eadar daoine is eachdraidh. Agus fad seachdain, tha buidheann air a bhith an seo, trang ag ionnsachadh fo stiùir Ryan Dziodowiec.

Ryan, innis dhomh mun àite a tha seo.

Uill, thòisich pròiseact an àirigh mu chòig bliadhna air ais. ‘S e àite far am bi daoine a’ tighinn airson campaichean shamhraidh. ‘S e campaichean do chlann a th’ annta agus cuideachd campaichean do dh’inbhich. Tha a h-uile buidheann eadar-dhealaichte anns an dòigh sin; tha a h-uile seachdain eadar-dhealaichte mar sin cuideachd.

Dè an t-eadar-dhealachadh a tha a bhith a’ caitheamh ùine an seo a’ dèanamh do dhaoine?

Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil daoine a’ tighinn an seo, ge b’ e an e clann no inbhich a th’ annta agus a’ dlùthachadh ri chèile, a’ togail càirdeasan ùra agus cuideachd a’ togail sgilean ùra. Tha mi a’ smaointinn gu bheil seo uile gu math prìseil.

Dè cho cudromach ‘s a tha e na seann sgilean sin a chumail a’ dol san latha a th’ ann?

Chan e dìreach campa àbhaisteach, mar gum biodh, a th’ ann, ‘s e campa aig an àirigh a th’ ann. ‘S mar sin tha na seann sgilean no na seann dhòighean gu math cudromach anns a h-uile rud seo. Tha sinn a’ feuchainn coimhead air an àrainneachd mar cuairt ann an dòigh ùr, mar gum biodh, sin a tha sinn a’ dèanamh an seo a h-uile latha. Tha so-sheasmhachd gu math cudromach dhuinn an seo agus tha mi an dòchas gum bi an seòrsa modail seo a’ sgaoileadh gu ìre, gu àitichean eile cuideachd.

Gheibh mi cothrom sùil a thoirt air na tha a’ dol an seo agus ‘s dòcha gum feuch mi fhìn air rud no dhà cuideachd. Dh’fhalbh iad! ‘S mi fhìn a’ dèanamh gach pìos obrach, mar as àbhaist.

Ach dè an targaid a bha aig mo bhuidheann-sa? Dìreach sin! A dh’aindeoin is gun do bhuail mi an targaid, tha mi a’ faighinn spàin fhiodha, ma thèid agam air tè a shnaidheadh… Ach tha fios agad mar a tha telebhisean… Seo tè a rinn mi na bu thràithe! Ta-ra! [Group] Woo!

Tapadh leibh! Coltach ri samhradh Albannach, tha mo shaor-làithean air an àirigh seachad ann am priobadh na sùla. Ach eu-coltach ris an t-seanfhacal, chanainn gun tàinig luaths agus grinneas còmhla an seo!

Nise tha fios agad gu bheil cainnt-chluichean – puns – a’ còrdadh riumsa gu mòr – agus tha làn fhios aig Joy air a sin! So here’s one for you. If something is good, it’s airidh air moladh – worthy of praise. So, tha an àirigh airidh air moladh.

And I’ve got another one, because I am actually going on my holidays and eh, tha mi a’ dol dhan Spàinn!