When is your birthday?
Cuin a bhios do cho-là-breith?
Let’s have a look at this conversation. By the end of this short section you will be able to have this conversation!

Cuin a bhios do cho-là-breith?
When is your birthday?

Tha mo cho-là-breith anns an Iuchar. Cuin a bhios an co-là-breith agad fhèin?
My birthday is in July. When is your birthday?

Tha an co-là-breith agam fhìn air an latha no oidhche as fhèarr den bhliadhna, Oidhche na Taigeise!
My own birthday is on the best day, or night, Haggis Night!

A bheil do cho-là-breith anns an t-Samhain? An e Là Naomh Anndra a th’ ann?
Is your birthday in November? Is it Saint Andrew’s Day?

Chan e!
No!

Dè bhios tu a’ dèanamh air do cho-là-breith?
What do you do on your birthday?

Bidh mi ag ithe deagh bhiadh, ag òl agus ag èisteachd ri sgeulachdan is bàrdachd.
I eat good food, drink and listen to stories and poetry.

Ò seadh, Oidhche Challainn!
Ah aye, Hogmanay!

Chan e. Bidh èideadh spaideil orm.
No. I wear a smart outfit.

À, Oidhche Shamhna … no Là nam Pòg?
Ah aye, Halloween … or St Valentine’s Day?

Chan e. Dè bhios tu a’ dèanamh air do cho-là-breith?
No. What do you do on your birthday?

Bidh mi a’ dol a-null thairis air làithean-saora agus bidh mi ag ithe deagh bhiadh, a’ ruith is a’ rothaireachd agus gam bhlianadh fhèin. Tha mi a’ dol a dhèanamh turas air feadh Majorca am bliadhna.
I go abroad on holidays and I eat good food, I run and cycle and sunbathe. I’m going to do a tour of Majorca this year.

Tha e a’ dol a chur an t-sneachd air mo cho-là-breith am bliadhna. Bha flin ann an-uiridh.
It’s going to snow on my birthday this year. There was sleet last year.

À, Là na Nollaig.
Ah, Christmas Day.

Mìos an dèidh sin.
A month after that.

Oidhche Burns!
Burns night!

Sin agad e!
That’s it!