News report
Aithris naidheachd
Have a go at reading this short report. If you don't understand any words, try looking them up in your dictionary or the LearnGaelic faclair. We've given you a head start with a couple of phrases using chaidh (went).
Chaidh buidseat ùr aontachadh leis a' Phàrlamaid feasgar an–dè, ach chaidh ceistean gu math cruaidh a chur air an riaghaltas leis na pàrtaidhean dùbhlanach. Bhathar ag iarraidh air a' Phrìomh–mhinistear gabhail ri iarrtasan bho na pàrtaidhean eile. Chaidh cuid de na h–iarrtasan a bhathar a' moladh a chur a–steach dhan bhuidseat, ach cha robh sin gu leòr dha na dùbhlanaich. Chaidh am buidseat aontachadh , ged a bhòt na pàrtaidhean dùbhlanach na aghaidh, leis gu bheil mòr–chuid aig na pàrtaidhean riaghlaidh.
Faclan is abairtean feumail