B1
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

An dàrna turas: Chaidh fàilte a chur air an aiseag ùr

Take two: The new ferry was welcomed

Let’s have a look at this conversation again.

Sùil a–rithist air na prìomh naidheachdan. Tha fear à Port Rìgh, Crìsdean MacMhathain, a’ dol às àicheadh gun do ghoid e càr ann an Dùn Èideann san Dùbhlachd an-uiridh. A look again at the headlines (main news). A man from Portree, Christopher Matheson, denies that he stole a car in Edinburgh in December last year.
A Mhàiri! Siud am fear à Port Rìgh anns na naidheachdan a–rithist! Màiri! That’s the guy (man) from Portree in the news again!
A bheilear a’ toirt iomradh air a sin a–rithist? Is that being reported again?
Thathas ag ràdh gu bheil dàil mhòr air a bhith anns na cùirtean gu lèir, le ceudan de chùisean sia mìosan air deireadh anns a’ bhliadhna gu ruige seo. Tha a’ chùis a’ leantainn. It is said that there has been a long delay in all the courts, with hundreds of cases six months behind so far (in) this year. The case continues.
Iochd! A bheil an lagh fhathast beò san dùthaich seo? Crikey/Heavens! Is the law still alive in this country?
Thathas a’ cur fàilte air a’ phasgan ùr de thaic–airgid do ghnìomhachasan ann an Alba ri linn a’ Choròna–bhìorais. A new package of financial support for businesses in Scotland due to/affected by Coronavirus has been welcomed.
Abair faochadh! Bha a’ chùis a’ dèanamh dragh dhomh ‘s mi ag obair air mo cheann fhèin. What a relief! That matter was bothering me, as I was self–employed/working for myself.
Chaidh fàilte a chur air an aiseag ùr a thathas a’ togail ann am Port Ghlaschu. Thathas den bheachd gun toir e trì mìosan eile aig a’ char as fhaide mus bi an t–aiseag ullamh agus deiseil airson seirbheis. Dh’aidich a’ Phrìomh–mhinistear gun tug an obair na b’ fhaide na bhathar an dùil, ach chaidh i às àicheadh gur e an Riaghaltas a bu choireach. A new ferry being built in Port Glasgow was welcomed. It is thought that it will take another three months at the latest before the ferry is complete and ready for service. The First Minister admitted that work had taken longer than expected, but she denied that the Government was at fault.
Uill, ‘s mathaid gum faigh mi dhachaigh a-nis gun cus strì! Well, perhaps I’ll get home now without too much struggle!
Agus sin na naidheachdan. Bidh geàrr-chunntas eile de na naidheachdan a-rithist a-nochd aig ochd uairean air BBC ALBA. And that’s the news. There will be another summary of the news tonight at eight o’clock on BBC Alba.