B2
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

Bilingual transcription: Tro chràdh

Bilingual transcription: Through pain

Watch this clip where Joy gives us some of her useful tips and favourite phrases. 

Tha mi airson sùil aithghearr a thoirt air an roimhear, tro, through, tro, leis gu bheil e cho feumail, gu h–àraidh ann an còmhradh mu leigheas. 

Bidh tro a’ sèimheachadh an ath fhacal, mar eisimpleir  

tro chràdh, through pain, tro chràdh. 

Le an no am air a cheangal ris, gheibh sinn tron: tron chràdh, through the pain, tron chràdh.  

Ach ma bhios sinn a’ bruidhinn air cruthan iolra, plurals, tha sinn a’ cleachdadh tro na, mar eisimpleir: tro na tuill, through the holes, tro na tuill

Agus mu dheireadh, faodaidh sinn tro a cheangal ri riochdairean pearsanta, personal pronouns, leithid mi, thu, agus sinn agus sibh. Le bhith a’ cleachdadh, mar eisimpleir, mi, tha sinn a’ faighinn tromham: bha an cràdh / a’ dol tromham, the pain was going through me, bha an cràdh / a’ dol tromham