Where are they from?

Cò às a tha iad?

Let's have a look at this discussion. By the end of this section, you will have learned some valuable phrases that you can use in lots of different conversations.

chat avatar

Dè na cùrsaichean ùra a th' agaibh?

What are the new courses?

chat avatar

Uill, tha mòran airson a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig.

Well, many want to be learning Gaelic.

chat avatar

Cò iad? Cò às a tha iad?

Who are they? Where are they from?

chat avatar

Tha oileanaich againn ann an clasaichean aghaidh ri aghaidh, mar a tha thu fhèin, ach tha thusa ag ionnsachadh (na) Fraingis!

We have students in face to face classes, as you are, but you're learning French!

chat avatar

Seadh … Tha a' Ghàidhlig agam mar-thà!

Indeed … I've got Gaelic already!

chat avatar

Agus tha mòran oileanach air astar, air-loidhne. Tha cuid airson a bhith fileanta, ach tha cuid airson beagan ionnsachadh mu dhualchas an sinnsirean.

And there are a lot of distance learning students, online. Some want to be fluent, but some want to learn a little bit about the heritage and traditions of their ancestors.

chat avatar

A bheil cùrsaichean aig diofar ìrean agaibh, ma-thà?

Do you have classes at different levels, then?

chat avatar

Tha gu dearbh. Agus tha feadhainn againn le tiotalan annasach, mar: A' Leughadh an Leabhair …

We do indeed. And we have some with some very unusual titles, such as: Reading the Book …

chat avatar

Seadh!

Indeed!

chat avatar

… A' Sgrìobhadh na Litreach, agus an cùrsa goirid seo: A' Cur na Gàidhlig air an t-Seantans!

… Writing the Letter; and this short course: Translating the Sentence into Gaelic!

chat avatar

Dè as fheàrr leibh pèin? A' teagasg air-loidhne no aghaidh ri aghaidh?

What do you prefer yourself? Teaching online or face to face?

chat avatar

Uill, tha an dà chuid math, nam bheachd-sa.

Well, both are good, in my opinion.

chat avatar

Innis dhomh!

Tell me!

chat avatar

'S e rud prìseil a th' ann an air-loidhne no air astar: oileanaich nach fhaigh an cothrom tighinn a dh'Alba. Tha e comasach do bharrachd dhaoine a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig.

Online or distance learning is a precious thing: students who won't get a chance to come to Scotland. It's possible for more people to learn Gaelic.

chat avatar

Agus aghaidh ri aghaidh?

And face to face?

chat avatar

Uill tha thu a' coinneachadh ri daoine, agus tha conaltradh nas fheàrr, uaireannan. Tha àite ann airson na dhà!

Well, you're meeting people, the communication is better, sometimes. There's a place (home) for both!