Take two: I was never good with figures

An dàrna turas: Cha robh mise riamh math le figearan

Let's have a look at this conversation again.

chat avatar

Seall, a Mhàiri. Tha ìre na h-atmhorachd air èirigh 9.6% (naoi puing sia às a' cheud). Bha fios ’am nach robh staing na cosgaise bith-beò seachad!

Look, Màiri. The rate of inflation has risen 9.6% (nine point six percent). I knew the cost-of-living crisis wasn't over!

chat avatar

Ach tha mise a' faicinn an seo gu bheil an àireamh de dhaoine a tha a' sireadh obair air tuiteam 4.7% (ceithir puing seachd às a' cheud).

But I see here that the number of people looking for work has fallen by 4.7% (four point seven percent).

chat avatar

Cha robh mise riamh math le figearan. Ciamar a thachair sin?

I was never good with figures. How did that happen?

chat avatar

Uill, nuair a bhios sinn a' bruidhinn mu atmhorachd, tha sinn mar as trice a' bruidhinn air mar a tha prìsean ag èirigh.

Well, when we talk about inflation, we are usually talking about how prices are rising.

chat avatar

Ach tha ìre na h-atmhorachd a' toirt iomradh air an astar dhen àrdachadh sin.

But the rate of inflation refers to the speed of that increase.

chat avatar

Chan eil mi a' dèanamh steam de dh'ionmhas nas motha. Ma bhios an eaconamaidh ann an staing, carson a tha an àireamh de dhaoine a tha gun obair air tuiteam?

I can't understand (don't get) finance either. If the economy is in crisis, why has the number of unemployed people fallen?

chat avatar

Deagh cheist! A bheil an àireamh de dhaoine gun obair air tuiteam?

Good question! Has the number of unemployed people fallen?

chat avatar

Chanainn-sa gu bheil obair aig daoine, ach barrachd is barrachd 's e obair phàirt-ùine shealach a th' ann, mar sin cha bhi iadsan a' nochdadh anns an rannsachadh sin!

I would say that people have a job, but more and more it is part-time temporary work, so they don't show up in that research!

chat avatar

Nach eil sin rud beag cealgach?

Isn't that a little sneaky (deceitful)?

chat avatar

Nam bharail-sa, tha! Chan eil airgead gu leòr aig mòran, tha prìsean ag èirigh gun sgur—an-dràsta co-dhiù—agus chan eil gu leòr dreuchdan làn-ùine maireannach ann.

In my opinion, yes! Many do not have enough money, prices are constantly rising—at least for now—and there are not enough permanent full-time jobs.

chat avatar

Ach nach ann mar sin a tha saoghal na h-obrach san latha a th' ann?

But isn't that how things are in the world of work nowadays?

chat avatar

'S ann. 'S ann mar sin a tha cùisean, tha e coltach.

It is. That is how things are, it seems.

chat avatar

Ach chan eil sin a' ciallachadh gu bheil e ceart, a chàirdean!

But that doesn't mean it's right, friends!