Bilingual transcription: Dialect byte
Bilingual transcription: Criomag dualchainnt
Watch this clip where Joy gives us some of her useful tips and favourite phrases. This time it's criomagan dualchainnt (dialect bytes).
Gheibhear am facal feamainn tric ann an
dualchainntean na Gàidhlig agus a’ freagairt air ‘seaweed’ na Beurla -
feamainn
. ‘S e as bitheanta ann an Leòdhas, anns
Na Hearadh
, ann an Uibhist a Deas , san
Eilean Sgitheanach
agus ann an Ratharsair a thuilleadh air
Muile
. Uaireannan cluinnear feamad
an àite feamainn, feamad , mar eisimpleir ann
an Scalpaigh na Hearadh agus ann an
Ùige Leòdhais
.
Ach ann am Barraigh is an Èirisgeigh , ‘s e todhar a chanas iad – todhar . Ann an Uibhist a Tuath is Beinn na Faoghla , cluinnear an dà chuid, feamainn agus todhar . Anns an fharsuingeachd ‘s e todhar cuideachd a chanar airson ‘manure’.
Agus chan eil an sin ach blasad dhen bheairteas dhualchainntean a gheibhear sa Ghàidhlig.