Dialect bytes: looking
Criomag dualchainnt: coimhead
Watch this clip where Joy gives us some of her useful tips and favourite phrases. This time it's coimhead (looking).
Dè a chanar sa Ghàidhlig airson ‘looking’?
Is e coimhead [coidhead] a chanas iad ann an Uibhist a Deas (South Uist), ann an Èirisgeigh (Eriskay )agus Barraigh(Barra ) – coimhead . Is e ceimhead [ceidhead le ‘c’ leathann] a gheibhear anns na Hearadh (Harris) , ann an Uibhist a Tuath (North Uist), Beinn na Faoghla (Benbecula) agus ann an Ratharsair (Raasay)- ceimhead .
Gheibhear an dà chuid coimhead agus ceimhead anns an Eilean Sgitheanach (Skye) agus ann an Sgalpaigh na Hearadh (Scalpay, Harris) . Ann an Leòdhas (Lewis) is e cumhad [cu-ad], cumhad agus sealltainn a chanas iad agus ‘s e sealltainn a chleachdas iad ann an Tiriodh (Tiree) – sealltainn
Is e earachd [erachd] a chanas iad ann an Ìle (Islay) , ann an Colbhasa (Colonsay) agus ann an Diùra (Jura).
Agus chan eil an sin ach blasad dhen bheairteas dhualchainntean a gheibhear sa Ghàidhlig.