Take two: What age will you be?

An dàrna turas: Dè an aois a bhios tu? 

Let's have a look at this conversation again.  

chat avatar

Cuin a bhios do cho–là–breith ann, Anna?

When is [will be] your birthday, Anna?

chat avatar

Bidh mo cho–là–breith ann air an treas latha air fhichead den Mhàrt. Cuin a bhios an co–là–breith agadsa?

My birthday is/will be on the 23rd of March. When is [will be] your birthday?

chat avatar

Bidh mo cho–là–breith air an tritheadamh latha dhen Lùnastal.

My birthday is/will be on the 30th of August.

chat avatar

Dè an aois a bhios tu an uair sin? 

What age will you be then?

chat avatar

Bidh mi 30 (trithead) air mo cho–là–breith.

I'll be 30 (thirty) on my birthday.

chat avatar

Tha mi an dòchas gum bi pàrtaidh agad airson co–là–breith mòr mar sin!

I hope you'll have a party for a big birthday like that!

chat avatar

Chan eil fhios agam a bheil mi cho toilichte mu bhith a' fàgail nam ficheadan agam agus a bhith nam thritheadan!

I don't know if I am so pleased/happy about leaving my twenties and being in my thirties!

chat avatar

Chan eil thu ach òg! Tha a h–uile co–là–breith a th' againn prìseil! Bliadhna nas sine, ach bliadhna nas glice?

You're only young! Every birthday we have is precious! A year older, but a year wiser?

chat avatar

A bheil thu a' smaoineachadh?

Do you think so?

chat avatar

Tha gu dearbh. Chan eil ann an aois ach àireamh. Bidh mi dà fhichead 's a sia air an ath cheann–bliadhna!

I do indeed. Age is nothing but a number. I'll be forty–six on my next birthday!

chat avatar

Mealaibh ur naidheachd, Anna ghlic!

Congratulations, wise Anna!

chat avatar

Meal do naidheachd, a Mhàiri òg!

Meal do naidheachd, a Mhàiri òg!