See Lesson Content

Co-fhaireachdainn

B2
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

Bilingual transcription: Bleideag

Bilingual transcription: Snowflake

Watch this clip where Joy gives us some of her useful tips and favourite phrases. This time it’s criomagan dualchainnt (dialect bytes).

Dè a chanar sa Ghàidhlig airson Snowflake?

Ma tha iomadach facal aig na h-Easgamaich airson ‘snow’, tha barrachd aig na Gàidheil airson ‘snowflake’. Ma tha sibh ann an Eilean Leòdhais, ‘s e bleideag no pleideag a chluinneas sibh, bleideag no pleideag. Anns na Hearadh, tha bleideag agus blèideag aca. A’ gluasad a dh’Uibhist a Tuath, agus ‘s e pleòiteag a chluinneas sibh, pleòiteag. Ann an Uibhist a Deas ‘s e clèiteag a chanas iad, clèiteag, agus ann an Èirisgeigh agus ann am Barraigh ‘s e slathag no slàgan a th’ aca, slathag no slàgan.

Agus chan eil an sin ach blasad dhen bheairteas dhualchainntean a gheibhear sa Ghàidhlig.