Give me a plate, please

Thoir dhomh truinnsear, mas e do thoil e

Let's have a look at this discussion. By the end of this section, you will be able to have this conversation! It's full of useful phrases that you can adapt to suit a whole range of situations.

chat avatar

Halò, Anna. Càit a bheil thu?

Hallo, Anne. Where are you?

chat avatar

Tha mi an seo, anns a' chidsin. Dùin an doras. Tha i fuar an-diugh.

I'm here, in the kitchen. Close the door. It's cold today.

chat avatar

Thoir dhomh searbhadair, mas e do thoil? Tha mi air a bhith a-muigh a' ruith san uisge agus tha mi bog fliuch a-nise.

Give me a towel, please? I have been out running in the rain, and I'm soaking now.

chat avatar

Seo dhut.

Here you are.

chat avatar

Agus tha am pathadh orm. An toir thu glainne dhomh?

And I'm thirsty. Will you give me a glass?

chat avatar

Seo dhut.

Here you go.

chat avatar

Agus ... a bheil fhios agad?

And ... do you know?

chat avatar

Dè?

What?

chat avatar

Tha an t-acras gam tholladh. Nach eil an t-acras ortsa?

I'm starving. Aren't you hungry?

chat avatar

Tha. Agus ...?

Yes (I am). And ...?

chat avatar

'S e coiridh a th' agad an sin san àmhainn, nach e?

That's a curry you've got in the oven, isn't it?

chat avatar

'S e. Agus ...?

Yes (it is). And ...?

chat avatar

Saoil an toir thu dhomh beagan dheth?

Do you think you could give me a little of it?

chat avatar

Bheir, gu dearbh.

I certainly will (give).

chat avatar

Tapadh leat. Agus am faigh mi truinnsear?

Thanks. Can I have a plate?

chat avatar

Gheibh.

You can (have).

chat avatar

Agus an toir thu dhomh forca ... agus sgian?

And will you give me a fork ... and a knife?

chat avatar

Nach cuidich thu thu fhèin?

Won't you just help yourself?

chat avatar

Cuidichidh, gu dearbh.

I certainly will (help myself).

chat avatar

Tha an truinnsear anns a' phreasa. Agus tha forca agus sgian air a' bhòrd.

The plate is in the cupboard, and there is a fork and a knife on the table.

chat avatar

Mìle taing, Anna. Tha thu cho còir.

Thanks a lot, Anne (a thousand thanks). You're so generous (kind).

chat avatar

Tha sin ceart gu leòr. Cuir air an coire, mas e do thoil?

That's alright. Put the kettle on, please?

chat avatar

Cuiridh gu dearbh.

I certainly will (put).

chat avatar

Agus am faigh thu muga dhomh? Tha am pathadh ormsa cuideachd. An gabh thu cupa tì?

And would (will) you get me a mug? I'm thirsty as well. Will you have a cup of tea?

chat avatar

Cha ghabh, tapadh leat. Cha toil leam tì.

I won't (have), thanks. I don't like tea.