See Lesson Content

Alba Nuadh

B1
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

Bilingual transcription: Dannsa-ceum

Bilingual transcription: Nova Scotia

Why not take a trip in the company of Calum MacIlleathain?

Sin sibh! An-diugh tha mi air bhioran – I’m excited – tha mi air bhioran. Agus tha mi air a’ chidhe cuideachd…

Nise thuirt an stiùiriche rium gun robh mi a’ dol a dh’ionnsachadh mun Dùthaich Ùr, mar a th’ aig daoine air – Alba Nuadh – Nova Scotia – Alba Nuadh.

Agus gun robh mi a’ dol a ghabhail bàta A chàirdean, cha chrèid mi nach eil mi a’ dol a Chanada!

That’s a classic double negative – cha chreid mi nach eil – I don’t think I won’t be… so I will!

Mar sin, tha mi ann am Malaig! Malaig..?! Feumaidh gur ann an seo a tha mo chuairt a’ tòiseachadh?

Hmm, saoil ma tha an toir am bàta sinn chun port-adhair? ’S i Sophie Stephenson an neach-iùil agam – dannsair agus neach-teagaisg aig a bheil ceangal teaghlaich ris an sgìre seo. Tha dannsadh air a toirt air feadh an t-saoghail agus a dh’Alba Nuadh.

A-steach an loch-mara, àite a tha falamh de dhaoine ach tha fiadh-bheatha gu leòr mun cuairt.

Calum:Hi Sophie! Càit a bheil sinn a-nise?

Sophie: Suas Loch Nibheis, seo Stoul anns na Grabh Chriochan, nach toir sinn sùil mun cuairt?

Chìthear tobhtaichean – old ruins of houses – tobhtaichean ann an iomadh àite. Seo dìleab nam Fuadaichean sa sgìre. Is iomadh eilthireach, emigrant, eilthireach a dh’fhàg

Sophie: Tron 19mh linn rinn teaghlaichean is coimhearsnachdan air fad eilthireachd thar a chuain. Ann an Alba Nuadh gu sònraichte, rinn iad dachaidhean còmhladh, stèidhte air na h-aon seòrsa choimhearsnachdan na bh’ aca ann an Alba

Calum: Tha thusa air rannsachadh a dhèanamh dhan eachdraidh – teaghlaich agad fhèin. Dè lorg thu?

Sophie: Bha mi gu sònraichte toilichte dèanamh a-mach gun robh maighstir sgoil dannsa san teaghlach agam. b’ e Alasdair MacGillIosa an t-ainm a bh’ air – bràthair mo shì-shì-shì-shì-sheanmhair.

Calum: ‘S e dannsair a bh’ann an Alasdair MacGillIosa, ‘s e dannsair a tha annad fhèin, a’ bheil thu a‘leantainnn a cheumannan?

Sophie: Uill tha ann an dòigh agus tha mi air mo dhòigh glan gun d’fhuair mi cothrom ceumannan ionnsachadh de seann dannsa a thàinig tro na ginealachan bho Alasdair Mac‘IllÌosa do Mhaighread Nic‘illÌosa a tha beò ann an Ceap breatainn an-diugh.

Calum: Glè mhath, tha mi a’ dèanamh fiughar sin fhaicinn. Tiugainn.

An-diugh bidh Gàidheil a’ dol a-null ’sa-nall eadar Albais Alba Nuadh, agus tha cultar a’cumail nan ceanglaichean sin beò, an drochaid eadarainn mar a chanas sinn ris – the bridge between us – an drochaid eadarainn.

Calum: Sophie, bha sin miorbhuileach. Ciamar a tha e a’ faireachdainn a bhith a’ dannsadh anns an àite a tha seo?

Sophie: Seo a’ chiad turas a bha mi an seo far an robh mo shìnnsearan a’ fuireach agus tha e dìreach sònraichte. San àite fhèin tron cheòl ‘s an dannsa, tha mi a’ faireachdainn mar gu bheil mi a ’dèanamh ceangal ri mo dhùthchas.

Calum: Tha e air a bhith na urram a bhith an làthair airson dannsa-ceum fhaicinn. Tapa leat fhèin!

Sophie: Taing mhòr

Tha Sophie air mo mhisneachadh! Is docha gur e seo an dòigh faighinn chun Duthaich ùr?

Calum: Dè do bheachd? An dùil am faighinn fhèin cothrom siubhal air feadh an t-saoghail le modh annsadh?

’S dòcha gu Alba Nuadh?!

“Abair e! Coltach ri ailbhean a’ dannsadh!

Uill, cha chreid mi GU bheil gu leòr urram ga thoirt dhomh mar dhannsair… mar sin tha mi a’ toirt mo chasan leam.

Agus mo bhrògan-dannsa. Joy,cuiridh mi thugad cairt-phuist! Fuiricheadh sibhse air tìr! Dìreach cùm a’ dol leatha gus an ruig sinn Alba Nuadh!