See Lesson Content

Fastadh

B2
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

Bilingual transcription: Fastadh

Bilingual transcription: Employment

LUC: Tha mi duilich a Mhairsili. Tha e caran sàmhach an–dràsta agus cha chuir duine dragh oirnn. (Switches off his phone) Tha mi’n dòchas.

MAIRSILI: Tha seo math fhèin Luc. Tha gu leòr agadsa ri dhèanamh, eadar d’ obair an seo agus do phàrantan. Chan eil thu a’ sgur.

LUC: ‘S dòcha gu bheil mi a’ feuchainn ri cus a dhèanamh! Tha làithean ann nuair nach eil mi a’ stad.

MAIRSILI: Tha thu air tòrr taic a thoirt dha do phàrantan.

Script Note: could explain ùine nach bi fada

LUC: Uill, chan eil e furasta dha mo bhràthair an cuideachadh, agus bha iadsan math dhòmhsa.

Ann an ùine nach bi fada, bidh feum aca air sgilean nach eil agamsa. Tha mi cho toilichte gu bheil ùidh agad san obair.

MAIRSILI: Tha eòlas freagarrach agam, eadar mo dhreuchd mar nurs agus uill, tha thu air mo chunntas–beatha a leughadh.

LUC: Tha gu dearbha.

MAIRSILI: A bheil thu ag iarraidh teisteanas? Ma tha, faighnichidh mi do neach–fastaidh eile?LUC: Chan eil feum air. Cha leig thu leas fear iarraidh. Tha am fiosrachadh gu lèir an seo. Bidh

dleastanasan rin coileanadh ach tha thusa eòlach agus comasach.

MAIRSILI: Tapadh leat.

LUC: Am b’ urrainn dhut uair a thìde gach madainn Diluain gu Dihaoine a dhèanamh?

MAIRSILI: B’ urrainn, bhiodh sin ceart gu leòr.

Script note: could explain a’ chuimhne aig m’ athair

LUC: Tha pilichean aig mo mhàthair ri ghabhail a h–uile madainn. Tha mi fhìn agus m’ athair a’ cumail smachd air an sin an–dràsta. Ach chan eil a’ chuimhne aig m’ athair cho math ‘s a b’ àbhaist.

MAIRSILI: ‘S e uallach mòr a tha ann dha.

LUC: ‘S e duine dòigheil a th’ ann, duine ionnsaichte cuideachd. Còrdaidh e ris a bhith a’ còmhradh riut.

MAIRSILI: Tha còmhradh gu leòr agamsa!

LUC: Nas cudromaiche, a bheil am pàigheadh iomchaidh?

MAIRSILI: Tha am pàigheadh iomchaidh agus bidh mi glè thoilichte le aonta sìmplidh.

LUC: Tha tòrr ri smaoineachadh mu dheidhinn nuair a tha thu ag obair air do cheann fhèin, nach eil? Bha mi fhìn anns an t–suidheachadh sin roimhe.

Script note: could explain bodach nan cìsean

MAIRSILI: Tha cunntasan rin deasachadh, bodach nan cìsean ri phàigheadh aig deireadh gach bliadhna, agus painnsean.

LUC: Feumaidh gu bheil thu math air rianachd! An tig thu chun na dachaigh madainn a–màireach airson coinneachadh ri mo phàrantan?

MAIRSILI: Nì mi sin, tha an seòladh agam.

In the conversation, we heard examples of the structure with ri that we saw earlier in the lesson.

There are four examples in the conversation and the English can be seen below.

Do you think you can, with pen and paper, rewrite these sentences in Gaelic:

There will be duties to fulfil.
There are accounts to prepare.
My mother has pills to take.
There’s the taxman to pay.

Agus seo dhut na freagairtean! | And here are the answers!

There will be duties to fulfil.

Bidh dleastanasan rin coileanadh.

There are accounts to prepare.

Tha cunntasan rin deasachadh.

My mother has pills to take.

Tha pilichean aig mo mhàthair ri ghabhail.

There’s the taxman to pay.

Tha bodach nan cìsean ri phàigheadh.