An dàrna turas: When did you say that?

Take two: Cuin a thuirt thu sin? 

Let's have another look at our conversation. 

chat avatar

Dè rinn thu?

What did you do?

chat avatar

Cheannaich mi na tiocaidean madainn an-diugh! 

I bought the tickets this morning!

chat avatar

Ciamar a fhuair thu tiocaidean madainn an-diugh?

How did you get tickets this morning?

chat avatar

Air-loidhne! Bha mi airson a dhol a-mach, mar a thuirt mi mar-thà.

Online! I was wanting to go out, as I said already.

chat avatar

Cuin a thuirt thu sin?

When did you say that?

chat avatar

Dìreach an-ceartuair!

Just now!

chat avatar

Càit an tuirt thu sin? Bha mi san t-seòmar-suidhe còmhla ribh.

Where did you say that? I was in the sitting room with you (both).

chat avatar

An cuala tu mi a' faighneachd cuin a bhiodh tu fhèin agus Iain saor?

Did you hear me asking when you and John would be free?

chat avatar

Ò seadh. Tha cuimhn' agam a-nis.

O, yes. I remember now. 

chat avatar

Glè mhath …

Very good …

chat avatar

Cuin a thòisicheas am film a-rithist?

When does the film start (again)?

chat avatar

Aig cairteal an-dèidh trì.

At quarter past three.

chat avatar

Agus dè cho fada 's a tha am film seo?

And how long is this film?

chat avatar

Dà uair gu leth.

Two and a half hours.