See Lesson Content

Taigheadas

B1
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

An dàrna turas: Cheannaich mi an taigh sin 

Take two: I bought that house

Let’s have a look at this conversation again

Uill, a Mhàiri, fhuair mi e. Lorg mi agus cheannaich mi an taigh sin.  Well, Màiri, I got it. I found it and I bought that house.
Bha dùil agam gun robh thu a’ sireadh taigh air mhàl? I thought that you were looking for a rented house?
Bha, ach bha an taigh seo a’ freagairt oirnn. Tha e mòr gu leòr dhomh fhèin agus dhan chloinn. Agus tha gàrradh ann. I was, but this house was suitable for us. It’s big enough for me and for the children. And there’s a garden.
Math fhèin. Càit a bheil an taigh a cheannaich thu? Excellent. Where is the house you bought?
Uill, ‘s ann ann am Baile DhùnLèibhe a tha e. Tha e faisg air Dùn Èideann, ach chan eil e cho fad air falbh bho Ghlaschu. Bidh sinn ag imrich ann an cola–deug. Well, it’s in Livingston. It’s close to Edinburgh, but it isn’t too far away from Glasgow. We’ll be flitting in a fortnight.
Tha sin sgoinneil! That’s terrific!
Agus dè mu do dheidhinn–sa, a Mhàiri? Càit a bheil thusa a’ fuireach na làithean seo? Ann an taigh no ann am flat? And what about you, Màiri? Where are you staying these days? In a house or in a flat?
‘S e flat a th’ ann, ann an taigh mòr faisg air iomall a’ bhaile. It’s a flat, in a big house near the edge of town.
Agus a bheil sin freagarrach dhut? And does that suit you?
Uill, tha mi dìreach a’ beachdachadh air gluasad a–mach às a’ bhaile uile gu lèir. Well, I’ve just been considering moving out of the town altogether.
Dè b’ fheàrr leat? Taigh air an dùthaich no taigh no flat anns a’ bhaile? What would you prefer? A house in the country or a house or flat in the town?
Chan eil fhios agam. Tha mi cas a’ falbh is cas a’ fuireach mu dheidhinn. A bheil e furasta àite–fuirich a lorg a–muigh an sin far a bheil sibhse? I don’t know. I’m in two minds about it. Is it easy to find accommodation where you are?
Uill, tha an taigh air mhàl sin fhathast ri fhaighinn. Well, that house for rent is still available.