Take two: What would you do to protect the environment?

An dàrna turas: Dè dhèanadh tu gus an àrainneachd a dhìon?

Let's have a look at this conversation again.

chat avatar

Dè dhèanadh tu gus an àrainneachd a dhìon?

What would you do to protect the environment?

chat avatar

Dhèanainn atharrachaidhean nam dhòigh–beatha. Tha mi gan dèanamh mar–thà. 'S e lùghdaich, ath–chleachd agus ath–chuairtich am mantra san dachaigh againn.

I would make changes in my lifestyle. I am making them already. Reduce, re–use and recycle is the mantra in our house.

chat avatar

Dè dhèanadh tusa air sgàth atharrachadh na gnàth–shìde, Iain?

What would you do because of climate change, John?

chat avatar

Dhèanainn tuilleadh air dòighean–siubhail. Ged a bhios mi a' cleachdadh a' bhaidhsagail, agus a' dràibheadh càr–dealain, dhèanainn barrachd siubhail air còmhdhail phoblach.

I would do more about means of travel. Although I use the bike, and drive an electric car, I would do more travel on public transport.

chat avatar

Cha dèanainn sin air sgàth 's gu bheil mi a' fuireach a–muigh air an dùthaich. Chan eil còmhdhail phoblach ann ach bus dà thuras san latha.

I wouldn't do that because I live out in the countryside. There isn't public transport except for [but] a bus twice a day.

chat avatar

Cha bu chòir dhomh roghainnean a dhèanamh do dhaoine eile, ach 's mathaid gu bheil rudan eile a dhèanadh tu an àite sin?

I shouldn't make choices for other people, but perhaps there are other things you could do instead of that?

chat avatar

Tha mi a' dèanamh mo dhìcheall ann an dòighean eile. Tha mi a' caomhnadh dealan, agus tha sinn air uinneagan dà–fhillte agus ionsulaideadh a chur ann.

I am doing my utmost in other ways. I save electricity, and we've installed double–glazing and insulation.

chat avatar

Dè eile a dhèanadh feum?

What else would be of use?

chat avatar

Nach dèanadh lùth ath–nuadhachail feum? Tha an teicneòlas sin againn, agus ann an Alba pailteas ghoireasan—uisge, làn is gaoth—gus sin a leasachadh.

Wouldn't renewable energy be of use? We have the technology, and Scotland has plenty of resources—water, tide and wind—to develop that.

chat avatar

Dìreach. Agus tha iad uile seasmhach. Ach tha lùth eile nach eil buileach cho earbsach ann an Alba, agus 's e sin lùth–grèine!

Indeed. And these are all consistent/reliable. But there is another power which isn't as reliable in Scotland, and that's solar power!

chat avatar

Chan eil sin buileach fìor. Tha diofar shiostaman ann agus ma bhios tu ga rannsachadh gu ceart, bidh buannachdan ann ged a bhios sinn ann an Alba.

That's not quite true. There are different systems and if you do your research properly, there are benefits even though we are in Scotland.

chat avatar

Dè eile a ghabhas dèanamh?

What else can be done?

chat avatar

Cha ghabh dad a dhèanamh às aonais reachdas! Feumaidh sinn reachdas bho riaghaltasan air feadh an t–saoghail.

Nothing can be done without legislation! We need legislation from governments throughout the world.