See Lesson Content

Slàinte is Sunnd

B1
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

An dàrna turas: Chan urrainn dhomh a dhol a–mach gu badmantan a–nochd

Take two: I can't go out to badminton tonight

Let’s have a look at this conversation again.

Chan urrainn dhomh a dhol a–mach gu badmantan a–nochd. Tha mi air mo ghoirteachadh! I can’t go out to badminton tonight. I’m hurt!
A bheil thu air do ghoirteachadh fhèin? Have you hurt yourself?
Tha. ‘S e rud gòrach a bh’ ann. I have. It was a daft thing.
Dè thachair? What happened?
Bha mi ag obair anns an taigh–ghlainne. Bha mi deiseil agus bha mi air a h–uile rud a dhèanamh. I was working in the greenhouse. I was finished and I had done everything.
Seadh. Agus …? Uh–huh. And …?
Agus an uair sin, nach robh mi air mo leòn le pìos glainne a thuit air mo chorrag! Cha robh mi air (a) fhaicinn, cha robh mi air a chluinntinn. And then, wasn’t I injured by a piece of glass that fell on my finger! I hadn’t seen it, I hadn’t heard it.
An robh thu air do leòn gu dona?  Were you badly injured? 
Uill, cha robh cùisean ro bhrèagha! Tha mi dìreach air a sgioblachadh air falbh a–nis. Well, things weren’t too pretty! I have just tidied it away now.
Rinn mi an aon rud mi fhèin bho chionn greis. Bha mi air mo leòn gu dona. I did the same thing a while ago. I was badly injured.
Dè rinn thu? What did you do?
Bha mi a’ càradh na h–uinneige sa bhothan agam agus bha mi air mo làmh a ghearradh. Ach tha i air a leigheas a–nis. I was fixing the window in my shed and I had cut my hand. But it’s healed now.