See Lesson Content

Poilitigs

B2
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

Bilingual transcription: Poilitigs

Bilingual transcription: Politics

MURCHADH: Dè tha fa chomhair do sheanmhair an–diugh? Am bi i air falbh fad an latha?

ALFIE: Bidh. Tha i a’ toirt Rona a shnàmh anns a’ mhuir. (Chuckle) ‘S e seo a’ chiad uair aig Rona bhochd; tha mi an dòchas nach bi i air a ragadh leis an fhuachd.

MURCHADH: Agus tha thu fhèin deiseil is deònach airson ar cuairt a Dhùn Èideann a–màireach?

ALFIE: ‘S mi a tha! Bha mi ann am Pàrlamaid Taigh an Ròid air cuairt–sgoile, ach cha robh mòran a’ tachairt.

MURCHADH: Bu chòir gum biodh barrachd a’ dol a–màireach. Thèid poileasaidhean uaine an riaghaltais a dheasbad agus dh’fhaodadh gum biodh na pàrtaidhean an ugannan a chèile. ‘S dòcha cuideachd gum faigh sinn a–steach dhan lùchairt a tha fa chomhair togalach na pàrlamaid.

ALFIE: Tha ùidh agamsa ann am poileasaidhean Gàidhlig an riaghaltais.

MURCHADH: Tha bliadhnaichean bho fhuair sinn Achd na Gàidhlig. Bha mi fhìn òg an uair sin!

ALFIE: Gheibhte tòrr fiosrachaidh mun sin air–loidhne—chaidh sinne troimhe san sgoil. Agus, tha Gàidhlig aig ball–pàrlamaid no dhà.

MURCHADH: Tha an siostam taghaidh againn toinnte, agus ma thèid iad air adhart le bhith ga atharrachadh, chite daoine a’ togail fianais. Ach ma tha ùidh agad ann, tha e gu math inntinneach.

ALFIE: Tha fios a’m gu bheil cuid de na buill–pàrlamaid air an taghadh ann an roinnean–pàrlamaid air feadh na dùthcha, ach gu bheil cuid eile a’ tighinn bho liosta agus a’ riochdachadh dìreach ochd roinnean!

MURCHADH: Tha leithid sin ann airson ‘s gum bi na taghaidhean nas cothromaiche, agus gum faigh sgìrean anns a bheil barrachd sluaigh barrachd riochdachaidh anns a’ phàrlamaid.

ALFIE: An robh poilitigs fa do chomhair fhèin nuair a bha thu an aois agamsa?

MURCHADH: Bha beagan ùidh agam ann ach cha robh mòran. Mus robh pàrlamaid againn dhuinn fhèin, ‘s e Pàrtaidh Nàiseanta na h–Alba a bhiodh a’ faighinn a’ bhòt aig m’ athair agus mo mhàthair, ach, ‘s e dachaigh Làborach a bh’ againn ri linn mo sheanair, agus cha robh guth aca air na Libearalaich Dheamocratach no air a’ Phàrtaidh Uaine.

ALFIE: Bha ùidh aig Mam ann am poilitigs ge–tà, nach robh?

MURCHADH: Bha, bha ise gu math adhartach na beachdan, agus bha ùidh aice ann am poilitigs na Roinn Eòrpa cuideachd.(Change—moves chat on)Tha mise an dòchas coinneachadh ri dithis bhall–pàrlamaid a–màireach a chuidicheas sinn leis an ionad.

ALFIE: Tha mi a’ dèanamh fiughair ris an latha.

MURCHADH: Siuthad ma–thà, mus till do sheanmhair, ‘s gum bi i a’ smaoineachadh nach do rinn sinn car obrach.(laugh)