Bilingual transcription: Death

Bilingual transcription: Bàs

Watch this clip where Joy gives us some of her useful tips and favourite phrases. This time it's bàs (death).

Dè chanar sa Ghàidhlig airson ‘died’?    

Tha iomadach facal againn a chuireas an cèill gu bheil cuideigin air bàsachadh, agus uaireannan nithear sgaradh eadar bàs dhaoine agus bàs bheathaichean. Ann an Leòdhas (Lewis) , Èirisgeigh (Eriskay) is Barraigh (Barra), ‘s e bhàsaich e a chanas  iad nuair a bhios neach air bàsachadh - bhàsaich e .   

Anns Na Hearadh (Harris) , an t-Eilean Sgitheanach (Skye) is ann an Ratharsair (Raasay) , ‘s e chaochail e a bhios aig cuid airson duine – chaochail e - ach bhàsaich e airson beathach – bhàsaich e .  

Ann an Uibhist (Uist - North +South)  is Beinn na Faoghla (Benbecula , cluinnidh tu dh’eug edh’eug e . Ann an dualchainntean an iar-dheas, ‘s e shiubhail e a chanas iad, mar eisimpleir, ann an Tiriodh (Tiree), Muile (Mull)  agus Ile (Islay) .   

Agus chan eil an sin ach blasad dhen bheairteas dhualchainntean a gheibhear sa Ghàidhlig