See Lesson Content

Ionmhas

B2
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

Phàigheadh iad na cìsean

They would pay the taxes

Watch this clip where Joy gives us some of her useful tips and favourite phrases.

Thug sinn sùil roimhe air gnìomhairean anns an tràth chumhach, the conditional tense. An turas seo, tha sinn a’ dol a choimhead air mar a chleachdas sinn an tràth cumhach ann an còmhraidhean a tha nas neo-phearsanta agus nas fhoirmeil.

Mar eiseimpleir, chanadh tu:

Phàigheadh / iad na cìsean They would pay the taxes! Phàigheadh iad na cìsean

Ach nam biodh tu airson, The taxes would be paid a ràdh, ‘s e bhiodh ann ach:

Phàighte / na cìsean. Phàighte na cìsean

Chithear gu bheil sinn a’ sèimheachadh a’ chiad litir mar a nì sinn san tràth chumhach, agus a’ cur –te aig an deireadh.

For the independent or primary form of the verb, we lenite the first letter of the verb and we add –te to the end. And for the dependent or secondary form all we do is add the te to the end.

Le gnìomhairean a bhios a’ tòiseachadh le fuaimreagan no an litir f, leithid:

faod, may or might, faod, bidh dh’ a–tighinn a–steach roimhe agus gheibh sinn:

 dh’fhaodte, dh’fhaodte.

If you wanted to say: The tables could be moved, it’s:

 Dh’fhaodte / na bùird a ghluasad,

 Dh’fhaodte na bùird a ghluasad.

Nise, dè mu dheidhinn eisimpleir

 le fuaimreag: òrdaich, order, òrdaich:

Le òrdaich, gheibh sinn:

Dh’òrdaichinn / am biadh, I would order the food, Dh’òrdaichinn am biadh.

Agus tha sin a’ dol gu

dh’òrdaichte: Dh’òrdaichte am biadh,The food would be ordered, dh’òrdaichte am biadh.

Nise, dè mu dheidhinn aonan eile?

Bi an dùil … Expect, or be expecting… Bi an dùil …

Ach airson You would expect:

Bhiodh tu an dùil …, Bhiodh tu an dùil …

Ach sa chruth fhulangach tha sinn a’ faighinn:

Bhite an dùil, It would be expected … Bhite an dùil gum pàigheadh Iain. It would be expected that Iain would pay, Bhite an dùil gum pàigheadh Iain.

‘S tha barrachd fiosrachaidh mu dheidhinn seo air an làraich againn.