B2
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

Bilingual transcription: Pàirtearan caithte

Past participles

JOY
Mar a bhios fios agaibhse a th’ air a bhith còmhla rinn bhon fhìor thoiseach, chan eil gràmar na Gàidhlig idir cho dùbhlanach ‘s a thathar uaireannan a’ smaoineachadh, aon uair ‘s gu bheil sinn air eòlas a chur air na riaghailtean!

Gaelic grammar isn’t as challenging as it first seems and to begin with, we’re going to look at am pàirtear caithte, the past participle.

Chuir sinn eòlas air anns a’ chiad shreath de SpeakGaelic nuair a dh’ionnsaich sinn faclan mar:

dùinte, closed, dùinte,

agus done, dèanta, dèanta.

Agus fear eile:

cleachdte, used, cleachdte.

Tha iad ag obrachadh mar bhuadhairean, agus a’ toirt tuairisgeul air gnìomh a tha air tachairt, something which has happened. ‘S mar a chi sibh, tha iad air an cruthachadh le bhith a’ cur -te no -ta ris a’ ghniomhair. (lose gfx here)

Nach toir sinn sùil air eisimpleir no dhà:

dùin leis a’ phàirtear chaithte,

dùinte, closed, dùinte.

Nise, bidh am facal dèan ag atharrachadh

gu dèanta, done, dèanta.

Agus, mu dheireadh, am facal: cleachd a bhios ag atharrachadh

gu cleachdte, used, cleachdte.

Nach cuir sinn seo ann an co theacsa seantans no dhà ma-thà?

Bidh a h-uile rud / sgrìobhte.

Everything will be written.

Bidh a h-uile rud / sgrìobhte.

Neo dè mu dheidhinn eisimpleir eile:

‘S e boireannach ionnsaichte / a th’ innte.

She’s a learned or an educated woman.

‘S e boireannach ionnsaichte / a th’ innte.

Nise, tha greis bhon a thadhail sinn air Ionad na Gàidhlig agus bhon uairsin tha iad air gluasad gu togalach ùr, agus math dh’fhaodte gun coinnich sinn ri caraid no dhà ùr cuideachd! Agus èistibh gu dlùth feuch an cluinn sibh eisimpleirean dhen phàirtear chaithte sa chòmhradh.