I can…
Is urrainn dhomh…
Fill the gaps in these sentences:
Is math _______________ gu bheil ùidh aige ann an òrain Ghàidhlig. | hear |
Is urrainn dhomh ___________ nach eil iad deiseil airson tòiseachadh. | see |
'S e Cànan nan Gàidheal an t–òran a tha mise airson ____________. | hear |
Is urrainn dhomh _____________ ris an t–seinn às a seo. | listen |
Tha mise ag iarraidh ____________ air an telebhisean a–nis. | watch |
Agus seo dhut na freagairtean!
Is math a chluinntinn gu bheil ùidh aige ann an òrain Ghàidhlig.
It's good to hear that he has an interest in Gaelic songs.
Is urrainn dhomh fhaicinn nach eil iad deiseil airson tòiseachadh.
I can see that they are not ready to start.
'S e Cànan nan Gàidheal an t–òran a tha mise airson a chluinntinn.
Cànan nan Gàidheal is the song that I want to hear.
Is urrainn dhomh èisteachd ris an t–seinn às a seo.
I can listen to the singing from here.
Tha mise ag iarraidh a choimhead air an telebhisean a–nis.
I want to watch television now.