Dialect Byte – fire
Criomagan Dualchainnt – teine
Watch this clip where Joy gives us some of her useful tips and favourite phrases. This time it's teine (fire).
Dè a chanar sa Ghàidhlig airson fire?
Tha am facal teine air fhuaimneachadh ann an diofar dhòighean ann an dualchainntean na Gàidhlig. Is e teine [chena] a bhios aca anns na Hearadh agus ann an Uibhist a Tuath. Ann an Leòdhas, is e teana [‘chana’] agus teana [‘chena’] a chanas iad - teana (chana) agus teana (chena).
Cluinnear teinne ann am Beinn na Faoghla, Uibhist a Deas agus Èirisgeidh - teinne .
Is e tinne a bhios aca ann am Barraigh, ann an Ratharsair agus Muile - tinne .
Cluinnear an dà chuid teinne agus tine san Eilean Sgitheanach - teinne agus tine .
Agus chan eil an sin ach blasad dhen bheairteas dhualchainntean a gheibhear sa Ghàidhlig.