Bilingual transcription: Dialect byte

Bilingual transcription: Criomag dualchainnt

Watch this clip where Joy gives us some of her useful tips and favourite phrases. This time it's criomagan dualchainnt (dialect bytes).

Dè a chanar sa Ghàidhlig airson Hair? Tha iomadach facal aig na Gàidheil a tha a’ freagairt air ‘hair’ na Beurla. Ach ‘s e falt as bitheanta an-diugh airson an nì a chìreas tu air do cheann, falt , ged a chluinnte folt ann an Cataibh bho shean, folt . Ach ann am Beinn na Faoghla , ann an Uibhist, an Èirisgeigh agus ann am Barraigh, ‘s e gruag a chluinnear, gruag . Cluinnear gruag cuideachd ann an Ìle ann an Cinn Tìre agus an Eilean Arainn . Agus facail eile a tha feumail: ciabh airson ringlet agus dual airson lock.  Canar gaoisid ri falt a tha fàs air do bhodhaig no air beathaichean, gaoisid .

‘S chan eil an sin ach blasad dhen bheairteas Dhualchainntean a gheibhear sa Ghàidhlig.