Have you ever heard about Fionn MacCumhail (Finn McCool) and An Fhèinn (The Fianna)? They are big heroes in Gaelic culture, like the Greek heroes such as Hercules.
Carson nach feuch thu an gnìomh seo! Ma bhios caraid le Gàidhlig agad, dh’fhaodadh an dithis agaibh seo a dhèanamh còmhla. Mur a bheil, na gabh dragh—bidh a dhà uimhir de spòrs agad!
Tha e cudromach gum bi sinn a’ cleachdadh ghoireasan leughaidh agus èisteachd aig diofar ìrean, cuid a tha furasta agus cuid a tha dùbhlanach.
Gheibh thu cuid den bhriathrachas ùr a dh’fheumas tu gu h‑ìosal. Mura bheil thu a’ tuigsinn facal sam bith eile, feuch gun toir thu sùil san fhaclair agad no anns an fhaclair LearnGaelic.
AGUS
It doesn’t matter if you don’t understand the whole piece! Tha thu a’ dèanamh fìor math—you’re doing really well!
Bradan an Eòlais
O chionn fhada an t‑saoghail bha fear air an robh Fionn MacCumhail. ‘S e duine air leth a bh’ ann. Bha e calma agus bha e làidir. ‘S e gaisgeach a bh’ ann. Bha e na cheannard air treubh mhòr de ghaisgich ris an canadh iad An Fhèinn.
Nuair a bha e na bhalach òg, bha e a’ fuireach còmhla ri seann draoidh air an robh Finèagas. Bha Finèagas air a bheatha a chur seachad a’ sireadh bradan seunta. B’ e Bradan an Eòlais [Am Bradan Fios] an t‑ainm a bh’ air a’ bhradan seo air sgàth ‘s gum biodh fios iomlan air gach rud fon ghrèin aig an neach a bhlaiseadh e. ‘Bhon a tha mi air a bhith air tòir an èisg seo fad mo bheatha, chan fhaod ach mi fhèin a‑mhàin a bhlasadh ma ghlacas sinn e,’ arsa Finèagas ri Fionn.
Aon latha goirid às dèidh sin, ghlac Finèagas am bradan is dh’èigh e ri Fionn, ‘Tha e agam! Tha e agam! Ghlac mi Bradan an Eòlais!’. ‘Cuir thusa teine gu dol, Fhionn, airson am bradan a bhruich,’ arsa Finèagas ri Fionn. Rinn Fionn mar a chaidh iarraidh air. Nuair a bha Fionn a’ bruich an èisg air an teine, chunnaic e bolg ag èirigh air a’ bhradan agus spreadh e le òrdag e. Ach loisg e òrdag agus chuir e na bheul i. Gun fhiosta dha, bha Fionn air Bradan an Eòlais a bhlasadh! ‘Dè idir a rinn thu?!’ arsa Finèagas ri Fionn nuair a chunnaic e na bha air tachairt. ‘Bidh fios iomlan agadsa a‑nis air gach rud air an t‑saoghal.’
Bhon latha sin a‑mach, cha leigeadh Fionn a leas ach òrdag a chur na bheul, agus bìdeadh oirre, agus bhiodh fios aige air gach rud fon ghrèin. Bhiodh e comasach dha innse dè bhiodh a’ tachairt mus tachradh e, no innse càit an robh duine a bh’ air chall, no innse dè bha cuideigin ris, ged a bhiodh an duine sin mìltean thar mhìltean air falbh bhuaithe.
An Fhèinn (f)
The Fianna (the Fingalians)
air tòir (prep)
in pursuit of
draoidh (m)
druid, magician, sorcerer
bolg (f)
blister, bulge
seunta (adj)
enchanted
spreadh! (v)
explode!, burst!
Bradan an Eòlais [Am Bradan Fios]
The Salmon of Knowledge
gun fhiosta do
unbeknown to
How did you get on?