Take two: I have skills
An dàrna turas: Tha sgilean agam
Let's have a look at this conversation again.

Seallaibh, a chàirdean! Tha FilmG fosgailte do cho-fharpaisich a-nis! A bheil duine airson film a chur a-steach am bliadhna?
Look, friends/guys/peeps! FilmG is now open to competitors! Does anyone want to submit a film this year?

Nach eil sinn ro aosta airson sin?
Aren't we too old for that?

Chan eil sinn ro aosta no ro shean airson co-fharpais nan inbheach! Agus 's e spòrs a bhios ann.
We are not too old or too old for the adult competition! And it will be fun.

Ach tha mi a' ciallachadh gu bheil mise ro shean airson a bhith a-muigh agus a' filmeadh ann an Alba aig an àm seo dhen bhliadhna!
But I mean I'm too old to be out and about filming in Scotland at this time of year!

Chaidh an dealbh-chluich agad a chraoladh air Radio nan Gàidheal an-uiridh. Carson nach sgrìobh thu sgriobt dhuinn?
Your play was broadcast on Radio nan Gàidheal last year. Why don't you write us a script?

Ceart ma-thà. Nì mise sin. Agus tha liut agad air margaidheachd, a Mhàiri.
OK then. I will do that. And you have a talent for marketing, Màiri.

Uill, tha mi measail air sanasachd. Thèid agam air cunntasan fhosgladh air na meadhanan-sòisealta uile agus an naidheachd a sgaoileadh air-loidhne fad is farsaing.
Well, I love advertising. I can open accounts on all social media and spread the news online far and wide.

Ach an toiseach, cò a bhios a' làimhseachadh camara is fuaim is eile?
But first, who'll be dealing with/handling camera and sound and so on?

Nì mise sin. Tha mi math le teicneòlas mar sin, ach cha tèid agam air bhidio a ghearradh no fuaim a mheasgachadh. Ach Iain—?
I will. I'm good with technology like that, but I can't edit video or mix sound. But John—?

An dearbh fhear! Chan eil mi airson a bhith bragail, ach tha sgilean agam!
The very man/one! I don't want to brag, but I have skills!

Ach tha riochdaire is stiùiriche a dhìth oirnn. Saoil cò a dhèanadh sin?
But we need a producer and director. Who would do that?

Dè cho doirbh 's a dh'fhaodadh e a bhith?
How hard can (could) it be?

Nach cuir sinn sanas air na meadhanan sòisealta agus air obraichean.co.uk? Ma dh'fhaodte gum biodh ùidh aig cuideigin ann.
Why don't we (let's) advertise on social media and obraichean.co.uk? Maybe someone would be interested in it.
Let's have a look at this conversation again.