Theirig gu làrachlìn YouTube far am faic thu Amy NicAoidh a’ teagasg an òrain seo air an tseanail YouTube FèisTV:
www.youtube.com/watch?v=fARGNMfgNsg&list=PLi3hUE0Af6Osj7KLuhVJGcOxCNCDYOXw&index=1
Chì mi ‘n tìr san robh mi nam bhalach,
Bàrr a’ chrainn, Leac a’ Lì nam shealladh;
Chì mi ‘n tìr san robh mi nam bhalach.
À tìr nan Suaineach a rinn sinn gluasad,
‘S i leinn an uair sin tighinn tuath air Sgalpaigh.
Chì mi ‘n tìr san robh mi nam bhalach.
‘S ged creagach cruaidh e, cha toir mi fuath dha,
Far bhàrr a’ chuain àite ‘s bòidhche sheallas.
Chì mi ‘n tìr san robh mi nam bhalach.
‘S ged creagach grànd i, an tìr ri hàireamh,
Chan eil nas àille far bhàrr na mara.
Chì mi ‘n tìr san robh mi nam bhalach.
Chì mi Mànais is Ceann an tSàile
Caolas Bheàrnaraigh is tràighean Phabaigh.
Chì mi ‘n tìr san robh mi nam bhalach.
Nam faighinn òrdan gur mi a bhiodh deònach
A’ gheòla lòbhradh ‘s a seòladh dhachaigh
Chì mi ‘n tìr san robh mi nam bhalach.
Chì mi an tiasgair a’ cur nan lìon ann –
Gum b’ e mo mhiann bhith sa chiar gan tarraing.
Chì mi ‘n tìr san robh mi nam bhalach.
Tha mi fo ghruaimean, on rinn mi gluasad,
‘S mi caoidh na gruagaich tha am Bruaich na Caradh.
Chì mi ‘n tìr san robh mi nam bhalach.
Baile as àille a rinn grian air deàlradh.
Tha muir is bàrr ann ‘s beinn àrd na shealladh.
Chì mi ‘n tìr san robh mi nam bhalach.
Gum b’ e mo shòlas a bhith siubhal na mòintich,
am measg nan òighean far an òlainn bainne.
Chì mi ‘n tìr san robh mi nam bhalach.
Nuair thig an Dùbhlachd gum fàg mi an tSiùna,
‘S gum bi mo dhùil dhol le sunnd dom dhachaigh.
Chì mi ‘n tìr san robh mi nam bhalach.
Chì mi ‘n tìr san robh mi nam bhalach.
Bàrr a’ chrainn, Leac a’ Lì nam shealladh;
Chì mi ‘n tìr san robh mi nam bhalach.