Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

Chì mi 'n Tìr

I see the Land

Tha sinn a’ dol a thoirt sùil air òran eile anis feuch an ionnsaich sinn beagan gràmair bhon òran fhèin. 

‘S e ‘Chì mi ‘n Tìr’ ainm an òrain, a chaidh a dhèanamh le Iain MacCumhais. 

Gheibhear fiosrachadh mu Iain MacCumhais air làrachlìn a’ BhBC, Bliadhna nan Òran

www.bbc.co.uk/alba/oran/people/iain_mac_cumhais

GLIOCAS | TIP 

📑 🎵 Is math as fhiach e dhut Bliadhna nan Òran a shàbhaladh sna comharran lìn agad. Tha i làn fiosrachaidh luachmhor mu òrain, seinneadairean, sgrìobhaicheanòrain is bàird. 😊 🎵