Bilingual transcription: I could…
Bilingual transcription: B’ urrainn dhomh…
Watch this clip where Joy gives us some of her useful tips and favourite phrases.
JOY
Tha sinn a' dol a choimhead an-dràsta air iomlaid, inversion. Ann an sreath B a h-aon, chunnaic sinn mar a chanadh sinn rudan mar:
B' urrainn dhomh / maraton a ruith , I could run a marathon, leis an ainmear an toiseach: maraton a ruith .
Agus chi sinn an aon rud le Feumaidh.
Mar eisimpleir:
Tha mi / a' leughadh leabhraichean , I'm reading books. Tha mi / a' leughadh leabhraichean.
Ach nuair a chleachdas sinn feumaidh, leithid:
Feumaidh mi / leabhraichean a leughadh. I must read books. Feumaidh mi leabhraichean a leughadh.
Tha an t–ainmear a' tighinn ron ghnìomhair.
Agus a' coimhead ris an t-seantans seo:
Tha Anna / a' togail thaighean ùra, Anna is building new houses, a' togail thaighean ùra.
Ma tha sinn airson Anna needs to build new houses a ràdh, 's e:
Feumaidh Anna / taighean ùra a thogail a chanas sinn. Feumaidh Anna taighean ùra a thogail.
Agus seall dè thachras nuair a chleachdas sinn feuch:
Dh'fheuch Anna ri / taighean ùra a thogail. Annatried to build new houses. Dh'fheuch Anna ri taighean ùra a thogail.
Bidh iomlaid cuideachd a' tachairt san tràth choileanta, the perfect tense.
Mar eisimpleir: Tha Anna air / taighean ùra a thogail. Anna has built new houses.
Tha Anna air taighean ùra a thogail.
Agus gheibh sibh tòrr a bharrachd fiosrachaidh mun seo air an làraich againn.