Bilingual transcription: Flower
Bilingual transcription: Dìthean
Watch this clip where Joy gives us some of her useful tips and favourite phrases. This time it's criomagan dualchainnt (dialect bytes).
Dè a chanar sa Ghàidhlig airson 'flower'?
Is e dìthean no sìthean a chanas na Leòdhasaich airson 'flower' – dìthean no sìthean. Tha dìdhean aca anns na Hearadh – dìdhean. Is e dìthein a bhios aca ann am Beinn na Faoghla is Uibhist a Tuath – dìthein.
Is e flùr bhon Bheurla a chanas iad ann ann an Uibhist a Deas, ann an Èirisgeigh is Barraigh a thuilleadh air an Eilean Sgitheanach, Ratharsair agus Tiriodh - flùr. Cluinnear flùr agus lus ann am Muile.
Agus chan eil an sin ach blasad dhen bheairteas dhualchainntean a gheibhear sa Ghàidhlig.