This is the news we wanted to hear

Seo an naidheachd a bha sinn ag iarraidh a chluinntinn

Let's have a look at this discussion. By the end of this section, you will have learned some valuable phrases that you can use in lots of different conversations.

chat avatar

Trobhadaibh, a chàirdean. Tha am biadh deiseil!

Come on, friends. The food is ready!

chat avatar

Seo an naidheachd a bha sinn ag iarraidh a chluinntinn.

This is the news we wanted to hear.

chat avatar

Ceart ma–tha, Iain! Tha mi toilichte a ràdh gu bheil biadh ann am pailteas aca an seo!

Right then, John! I am happy to say that they have plenty of food here!

chat avatar

Tha mise toilichte a chluinntinn gu bheil biadh gu leòr an seo cuideachd. Tha an t–acras gam tholladh! Saoil, a bheil brochan aca?

I'm pleased to hear that there's plenty of food here too. I'm absolutely starving! I wonder if they have porridge?

chat avatar

Tha mi duilich a ràdh nach bi brochan ri fhaighinn.

I'm sorry to say that porridge will not be available.

chat avatar

Tha thu ag iarraidh orm a chreidsinn nach eil iad a' tabhann brochan aig a' phàrtaidh seo. An e an fhìrinn a th' agad?

You want me to believe that they don't offer porridge at this party. Are you telling the truth?

chat avatar

Chan e. Cha robh mi ach a' tarraing asad! Siud am bobhla air a' bhòrd!

No. I was just teasing (you)! There's the bowl on the table!

chat avatar

An do dh'iarr thu air Mairead is Dòmhnall brochan a dhèanamh dhomh?

Did you ask Mairead and Donald to make porridge for me?

chat avatar

Dh'iarr. Tha sinn mòr aig a chèile. Tha mi toilichte a ràdh gun dèanadh iad rud sam bith dhomh. Tha iad cho gasta.

I did (ask). We are very friendly. I am happy to say that they would do anything for me. They are so fine.

chat avatar

Glan fhèin! Tapadh leatsa, a Mhairead! Tapadh leatsa, a Dhòmhnaill!

rilliant (really great)! Thank you, Margaret! Thank you, Donald!

chat avatar

Sin thu nist’, Iain. Nach sguir thu a bhith a' gearain mu rudan a bha thu ag iarraidh ithe?!

There you go, John. Won't you stop complaining about things you wanted to eat?!

chat avatar

Sguiridh! Sguiridh gu dearbh.

I will (stop)! I will (stop) indeed.

chat avatar

An gabh thu tuilleadh, Iain?

Will you have more more, John?

chat avatar

Cha ghabh. Tha mi buidheach, tapadh leat.

I won't (have). I'm full up, thank you.